Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 23mh dhen Chèitean, ùrnaigh aig 7f

Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 23mh dhen Chèitean, ùrnaigh aig 7f

“Tha Soisgeul Eòin a’ cur an cèill an Tì a tha ri teachd agus an Tì a tha ri falbh. Is e Ìosa an Tì a tha ri falbh, agus tha aige ri falbh an toiseach. Nuair a chuala na deisciobail sin, bha iad uile fo bhròn, agus bha aig Ìosa ri innse dhaibh “mura falbh mi, cha tig an Neach-Cuideachaidh thugaibhse.” Bha eagal air na deisciobail gum biodh iad air am fàgail nan aonar, agus dh’innis Ìosa dhaibh gum biodh iad air an lìonadh le “Spiorad na Fìrinne”. Is e an Spiorad an Tì a tha ri teachd, agus is Ìosa an Tì a tha ri falbh. (Eòin 15: 26 – 27; 16: 4b – 15).

“Cò an Spiorad seo a tha ri teachd? Ann an Grèigis, ’s e pneumos am facal as cumanta airson spiorad, ach ann an Soisgeul Eòin is e paraklete (neach-cuideachaidh, fear-tagraidh) a tha air a chleachdadh airson an Spioraid Naoimh, facal nach eil a’ nochdadh ann an àite sam bith eile san Tiomnadh Nuadh ach ann 1 Eòin 2: 1 – far a bheil e a’ ciallachadh Ìosa fhèin.An-diugh, air Latha na Caingis, tha sinn a’ toirt taing dhan Tighearna airson an Spioraid a chaidh a dhòrtadh a-nuas air poball Dhè. Tha an Spiorad Naomh na làthaireachd mhaireannach nar beathannan agus ann am beatha na h-Eaglaise. Tha sinn a’ toirt taing dhan Tighearna gun tàinig an Spiorad.”

Dèanamaid ùrnaigh:

A Dhè bheò,
Athair ar Tighearna Ìosa Crìosd,
Dòirt do Spiorad a-nuas oirnn
agus lìon cridheachan do phobaill leis.
Thigeadh do Spiorad thugainn, ar fear-tagraidh a bhruinneas às ar leth.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè bheò,
Athair ar Tighearna Ìosa Crìosd,
Dòirt do Spiorad a-nuas oirnn
agus brosnaich annainn lasair do ghràidh.
Deònaich dhuinn comhfhurtachd do Spioraid nuair a bhios sinn fo bhròn.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè bheò,
Athair ar Tighearna Ìosa Crìosd,
Dòirt do Spiorad a-nuas oirnn
agus dùisg sinn gu beatha ùr.
Deònaich dhuinn treòrachadh agus comhairle do Spioraid,
agus deònaich dhuinn gliocas anns gach teanntachd.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè bheò,
Athair ar Tighearna Ìosa Crìosd,
Dòirt do Spiorad a-nuas oirnn,
agus ath-nuadhaich beatha air feadh na talmhainn.
Thoir dhuinn taic le glèidheadh do Chruitheachd
agus luach a chur air na beannachdan bhuat.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè bheò,
Athair ar Tighearna Ìosa Crìosd,
Dòirt do Spiorad a-nuas oirnn
agus saor sinn gus am mol sinn glòir d’ ainm.
Thig, a Spioraid Naoimh,
agus lìon ar cridheachan led ghràdh.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

Soidhnichte:

Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba
An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba
Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann
An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba
An t-Urramach Pòl Whittle, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba)
An t-Urramach Niall MacMhaoilein, Moderàtor, an Eaglais Shaor
An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba
An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba)
An t-Urramach Tòmas R. Wilson, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba
Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte
Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean)
An t-Urramach Claire Fender, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich
Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia
Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS)
An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)

%d bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close