Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 25mh dhen Ghiblean, ùrnaigh aig 7f

Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 25mh dhen Ghiblean, ùrnaigh aig 7f

“Tha ìomhaigh a’ bhuachaille ri faicinn gu tric anns na Sgrìobtairean, agus tha e a’ sealltainn dhuinn nàdar an dàimh eadar sinn fhèin agus Dia. Nuair a leughas sinn faclan Ìosa san t-Soisgeul, “Is mise am buachaille math”, tha sinn a’ faicinn le sùil na h-inntinne am fear a leigeas a bheatha sìos airson nan caorach, gus am bi sinn air ar dìonadh. “Leigidh am buachaille math a bheatha sìos” oir is aithne dha an fheadhainn a tha fo a chùram. Anns an aon dòigh, is aithne don fheadhainn sin cò am buachaille math, agus èistidh iadsan ri a ghuth. (Eòin 19: 11 – 18)

“Chì sinn an ìomhaigh phrìseil seo ann an Salmh 23, Salm air a bheil sinnuile eòlach, agus a tha sinn uile air a sheinn iomadh uair:

Is e Dia fhèin as buachaill dhomh,
cha bhi mi ann an dìth.
Bheir e fa-near gun laighinn sìos
air cluainean glas’ le sìth.

Seadh, fòs ged ghluaisinn eadhan trìd
ghlinn dorcha sgàil’ a’ bhàis,
Aon olc no urchuid a theachd orm
chan eagal leam ’s cha chàs.

Ach leanaidh math is tròcair rium,
an cian a bhios mi beò;
Is còmhnaicheam an àros Dhè,
ri fad mo rè ’s mo lò.

“Nuair a tha sinn a’ coimhead tro sgothan agus trioblaidean na beatha seo, chì sinn na tha a’ mairsinn: am Buachaille Math a thèid maille rinn air an t-slighe, eadhon trìd ghlinn dorcha sgàil’ a bhàis, gar treòrachadh dhachaigh gu sàbhailte.”

Dèanamaid ùrnaigh:

A Thighearna ar Dia,
Tha sinn ag èisteachd ri guth a’ Bhuachaille Mhaith,
oir is esan an Tì a dhìonas agus a ghlèidheas sinn,
agus a threòraicheas sinn dachaigh gu sàbhailte.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Thighearna ar Dia,
Tha sinn ag èisteachd ri guth a’ Bhuachaille Mhaith,
oir is esan an Tì a labhair rinn fad ar làithean gu lèir,
agus tha e a’ labhairt rinn fhathast, fiù ’s tro ùpraid an latha a th’ ann.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Thighearna ar Dia,
Tha sinn ag èisteachd ri guth a’ Bhuachaille Mhaith,
oir is esan an Tì a bheathaich sinn le Fhreasdal,
agus a thog sinn a-rithist nuair a thuit sinn.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Thighearna ar Dia,
Tha sinn ag èisteachd ri guth a’ Bhuachaille Mhaith,
oir is esan an Tì a leig sìos a bheatha air ar son,
gus am bi beatha againn, agus beatha na lànachd.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Thighearna ar Dia,
Tha sinn ag èisteachd ri guth a’ Bhuachaille Mhaith,
oir leanaidh math is tròcair rinn,
agus treòraichidh tu sinn dachaigh gu sàbhailte, fiù ’s air ceann ar latha.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

Soidhnichte:

Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba
An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba
Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann
An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba
An t-Urramach Pòl Whittle, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba)
An t-Urramach Dòmhnall G. Dòmhnallach, Moderàtor, an Eaglais Shaor
An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba
An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba)
An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba
Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte
Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean)
An t-Urramach Claire Fender, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich
Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia
Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS)
An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)

%d bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close