Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 14mh dhen Mhàrt, ùrnaigh aig 7f
Is iomadh rud a ghiùlain sinn thairis air a’ bhliadhna seo chaidh. Tha gach aon againn, agus gach coimhearsnachd, air rudan a ghiùlain ris nach robh gin againn idir an dùil aig tòiseach na bliadhna an-uiridh. Gun teagamh, aig amannan, bha eallach oirnn cha mhòr ro throm ri ghiùlain.
Am broinn na bliadhna, ged-tà, tha cuimhneachan geallaidhean Dhè, geallaidhean a ghràidh a tha cho daingeann anns gach càs. Tha an Salmadair gar earalachadh gus moladh a sheinn dhan Tighearna:
O thugaibh moladh mòr do Dhia, is buidheachas faraon, Oir tha e math, ’s mairidh gu bràth a thròcair ghràsmhor chaoin. (Salm 107: 1)
Fhad ’s a chuimhneachas sinn na thachair anns a’ bhliadhna seo chaidh, bidh sinn a’ togail fianais dhan t-saoghal gu bheil gràdh Dhè gar cuairteachadh agus gar lìonadh anns gach teanntachd agus cruaidh-càs. Tha an fhìrinn seo air a cur an cèill ann am fèin-ìobairt Dhè ann an Ìosa Crìosd: Oir is ann mar seo a ghràdhaich Dia an saoghal: gun tug e aonghin Mhic fhèin. (Eòin 3: 16)
A dh’aindeoin gach rud a ghiùlain sinn agus a ghiùlaineas sinn fhathast, “mairidh gu bràth a thròcair ghràsmhor chaoin” anns an Dia a dh’fhoillsich a ghràdh ann an Ìosa Crìosd.
Dèanamaid ùrnaigh:
A Dhè, tha do ghràdh buan, agus tha e air fhoilleasachadh dhuinn ann an Ìosa Crìosd. Cluinneamaid faclan an t-Salmadair a bhrosnaicheas sinn gus cuimhneachadh gum mair gu bràth do thròcair ghràsmhor chaoin. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè, tha do ghràdh buan agus tha e air fhoilleasachadh dhuinn ann an Ìosa Crìosd. Bi maille rinn anns gach teanntachd agus cruaidh-càs. Deònaich gum faigh sinn eòlas air do ghràdh, ann an làithean solasach agus ann an làithean dubhach. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè, tha do ghràdh buan, agus tha e air fhoilleasachadh dhuinn ann an Ìosa Crìosd. Bi maille riuthasan uile air a bheil eallachan ro throm ri giùlain, lìon iad le do neart agus do ghràdh a mhaireas gu bràth.
A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè, tha do ghràdh buan, agus tha e air fhoilleasachadh dhuinn ann an Ìosa Crìosd. Mar a tha màthair a’ toirt comhfhurtachd do leanabh thoir chomfhurtachd dhan a h-uile neach a ghairmeas ort. Èist rinn, agus sinn a’ toirt taing dhut airson gach aon a dh’àraich sinn sa bheatha seo. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè, tha do ghràdh buan, agus tha e air fhoilleasachadh dhuinn ann an Ìosa Crìosd. Deònaich dhuinn sealladh air coimhearsnachd do shluaigh a bhios daingeann agus seasmhach, beò nad sholas. Èist rinn agus sinn ag ùrnaigh: thigeadh do Rìoghachd. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè, tha do ghràdh buan, agus tha e air fhoilleasachadh dhuinn ann an Ìosa Crìosd. Treòraich dhuinn gus am bi sinn beò ann an tìodhlac na beatha a thug thu dhuinn nad Mhac. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
Soidhnichte:
Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba An t-Urramach Pòl Whittle, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba) An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba) An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean) An t-Urramach Claire Fender, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS) An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)