Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 17mh dhen Fhaoilleach, ùrnaigh aig 7f

Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 17mh dhen Fhaoilleach, ùrnaigh aig 7f

“A Thighearna, rannsaich thu mi, agus is aithne dhut mi.” Tha faclan an t-Sailm seo a’ cur an cèill gu bheil Dia eòlach oirnn aig an ìre as bunataiche, gu bheil e a’ rannsachadh gu domhainn taobh ar staigh. (Salm 139: 1 – 6, 13 – 18) Tha Facal an Tighearna a’ labhairt rinn anns gach àm, agus tha e gar rannsachadh anns gach àm. Ach uaireannan, tha sinn gu sònraichte mothachail air brìgh agus cumhachd an Fhacail a labhras e, agus ma dh’fhaoidte gu bheil sin fìor an-dràsta fhèin.

’S e àm doirbh cruaidh a tha seo, agus tha sinn claoidhte gu pearsanta agus gu coitcheann. Ged a fhuair sinn dòchas leis a’ bhanachdaich, tha an cunnart a’ fàs gu luath cuideachd. Tha na dùbhlanan a tha romhainn doirbh ri thuigsinn. A dh’aindeoin na rudan seo, mairidh Facal an Tighearna, agus tha e fhathast a’ labhairt dhuinn aig an ìre as doimhne. Chan eil sinn falaichte on Tighearna, agus is aithne dha-san – a labhras am Facal bith-bhuan – ar dùbhlanan gu lèir. A’ gabhail ris na fìrinne seo, dèanamaid ùrnaigh:

A Thighearna, rannsaich thu sinn agus is aithhe dhut sinn, agus tha sinn a’ lùbadh ar glùin nad làthaireachd naoimh. Is aithne dhut gach rud a tha romhainn, agus tha thu maille rinn tro uairean na h-oidhche/. Glèidh sinn gus an tig an latha, agus an teich na sgàilean. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Thighearna, rannsaich thu sinn agus is aithne dhut sinn, agus tha sinn a’ lùbadh ar glùin nad làthaireachd naoimh. Rinn thu sinn nad ìomhaigh fhèin, dh’fhalaich thu sinn anns a’ bhroinn. Treòraich sinn dhan àite far an lorg sinn beatha ùr. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Thighearna, rannsaich thu sinn agus is aithne dhut sinn, agus tha sinn a’ lùbadh ar glùin nad làthaireachd naoimh. Is aithne dhut dùbhlanan ar latha-ne, Tabhair dòchas dhan fheadhainn a tha fo eu-dòchas, agus tabhair comhfhurtachd dhan fheadhainn a tho fo bhròn. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Thighearna, rannsaich thu sinn agus is aithne dhut sinn, agus tha sinn a’ lùbadh ar glùin nad làthaireachd naoimh. Is aithne dhut an fheadhann a fhrithealas do dh’fheumalachdan na coimhearsnachd agus a bheireas dòchas dhuinn uile ann an làithean dorcha len cuid tàlantan. Glèidh an fheadhainn a tha so-leònt, agus coisich maille riutha-san a tha fo eagal an-diugh. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Thighearna, rannsaich thu sinn agus is aithne dhut sinn, agus tha sinn a’ lùbadh ar glùin nad làthaireachd naoimh.

Is tusa toiseach gach nì, Is tusa crìoch gach nì, Alpha agus Omega ann an Ìosa Crìosd. Glèidh sinn gus an tig an latha , agus an teich na sgàilean. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

Soidhnichte:

Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba An t-Urramach Lindsey Sanderson, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba) An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba) An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean) An t-Urramach Claire Fender, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS) An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)

%d bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close