Foram Eadar-Eaglaiseach na h-Alba: Teachdaireachd na Nollaige, 2020
1. Tha àm na Nollaige rud beag eadar-dhealaichte am bliadhna air sgàth na riaghailtean ùra ceangailte ri COVID.
2. Bha agus aig teaghlach Ìosa ri rudeigin neo-àbhaisteach a dhèanamh air sgàth an riaghaltais nuair a bha aca ri siùbhal gu Betlehem airson pàirt a ghabhail ann an cunntais sluaigh.
3. Bha Moire trom, agus mar sin bha aice ri bhith gu sònraichte fallainn air a sgàth fhèin agus air sgàth a leanabh. Bha iad aig astar sòisealta ann an Betlehem o nach robh rùm san taigh-òsda.
4. Cha robh dùil aca gum biodh iad a’ fuireach ann an stàball. Ach rugadh an leanabh co-dhiù.
5. Thàinig dà ‘thaigh’ a bharrachd a chèilidh orra: na buachaillean agus na draoidhean. An àite boghan-frois, bha ainglean agus an reul as soilleire os on cionn.
6. Tha sinn a’ creidsinn gun do dhùin Iosa an t-astar eadar Dia agus clann-dhaoine leis an sgeulachd seo.
7. Chaidh am facal bith-bhuan a dhèanamh na fheòil, agus dh’fhuirich e nar measg. Tha sinn an dòchas gun tèid agaibh fhèin air an Nollaig a chur seachad an caidreamh a chèile, air loidhne neo san dòigh traidiseanta.
8. Tha fios gum bi cuid againn nar n-aonar air an Nollaig seo, fa leth agus ag ionndrainn daoine eile.
9. Sna h-amannan neònach seo, tha sinne, nar riochdairean bho chuid eaglaisean na h-Alba, airson a ràdh ribh: Tha sinn ag ùrnaigh air ur son. Tha sinn a’ feuchainn ri bhith taiceil ribh.
10. Agus tha sinn an dòchas gum bi sibh beò còmhla ri Dia an Nollaig seo, an Dia a thàinig sios gus a bhith còmhla ribhse.