Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 13mh dhen Dùbhlachd, ùrnaigh aig 7f

Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 13mh dhen Dùbhlachd, ùrnaigh aig 7f

Aig an àm seo, tha sinn mothachail air an dà chuid na dùbhlain a tha romhainn fhathast agus air an dòchas a chì sinn air faire. Tha e mar gun robh sinn a’ siubhal ann an oidhche gun chrìoch, agus nuair a bha an dorchadas gar cuairteachadh gu teann, nochd solas dealrach, a’ toirt dòchas dhan t-saoghal gu lèir.

B’e ar n-ùrnaigh:

A Thighearna, tha sinn ag ùrnaigh airson luchd-saidheans agus luchdrannsachaidh; airson na feadhna a tha a’ feuchainn ris na dùbhlain a tha romhainn a thuigsinn; airson na feadhna a tha a’ feuchainn ri banachdach a chruthachadh; airson na feadhna a bheireas comhairle do riaghaltasan. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A dh’aindeoin nan dùbhlain a tha romhainn fhathast, tha sinn a’ toirt taing do Dhia airson na feadhna a chruthaich na banachdaichean gus slàinte a neartachadh agus beatha a dhìonadh. Fhad ’s a thèid sinn air adhart air turas na h-Aidbheinne, tha sinn a’ cluinntin mu neach-fhianais a thàinig “airson fianais a thoirt mun t-solas.” Chan eil an solas againn fhathast, ach tha an teachdaire air tighinn gus fianais a thoirt dhuinn gu bheil “an solas fìor, a tha a’ soillseachadh a h-uile neach, a’ tighinn dhan t-saoghal.” (Eòin 1: 6 – 9). Tha solas a’ nochdadh air faire, tha beul an latha a’ tighinn, tha solas Dhè a’ tighinn a-steach dhan t-saoghal a-rithist.

Dèanamaid ùrnaigh:

A Thighearna, ’s e do shluagh a th’ annainn, sluagh a bha a’ siubhal ann an dorchadas, agus aig a bheil miann do sholas fhaicinn a-rithist. Tha sinn air a bhith a’ siubhal tro làithean doirbhe, agus tha miann againn beatha ar coimhearsnachd a lorg as ùr. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Thighearna, tha sinn a’ toirt taing dhut airson luchd-saidheans agus luchdrannsachaidh, airson na feadhna a chruthaich na banachdaichean a tha a’ toirt dòchas dhan tsaoghal gu lèir. Tha sinn ag ùrnaigh gum bi torradh an cuid obrach air a roinneadh gu cothromach, gus slàinte a nearthachadh agus beatha a dhìonadh anns gach tìr. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Thighearna, tha sinn fhathast a’ siubhal, le dòchas daingeann gun tig an latha. Tha sinn air ar sgapadh on a chèile, ach tha earbsa againn gun tig sinn còmhla a-rithist. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Thighearna, tha sinn ag ùrnaigh airson na feadhna a fhrithealas do na tha beò, agus do na tha dlùth don bhàis. Tha sinn ag ùrnaigh airson na feadhna a chaill luchd an gràidh, airson na feadhna a tha fo bhròn, agus tha sinn ag ùrnaigh gum bi thu ri an taobh.

A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Thighearna, tha sinn air chluinntinn mun t-solas a tha a’ tighinn a-steach dhan t-saoghal. Tha sinn ag ùrnaigh gum bi sinn nar teachdairean, a’ toirt fianais mu Ìosa Crìosd, solas Dhè a tha ri teachd. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

Soidhnichte:

Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba An t-Urramach Lindsey Sanderson, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba) An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba) An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean) An t-Urramach Claire Fender, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS) An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)

<span>%d</span> bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close