Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 22mh dhen Dùbhlachd, ùrnaigh aig 7f
“Thugaibh comhfhurtachd, thugaibh comhfhurtachd dom shluagh-sa, deir ur Dia.” Labhair Dia, agus thug am facal a labhair e comhfhurtachd do shluagh Dhè. Tha am facal air a labhair dhan fheadhainn a tha gun chumhachd, dhan fheadhainn a tha sàraichte agus claoidhte. Mar sin, tha faclan Isaiah gar toirt a-mach dhan fhàsach, agus ma dh’èisteas sinn le cridheachan fosgailte, cluinnidh sinn guth an tì a ghlaodhas anns an fhàsach: “Ullaichibh slighe an Tighearna ; rèitichibh anns an dìthreabh slighe àrd dar Dia-ne.” Fiù ’s anns an fhàsach, tha sinn air ar gairm gus ullachadh a dhèanamh, gus am faiceamaid làthaireachd Dhè air ath-nuadhachadh nar measg. (Isaiah 40: 1 – 11).
Tha na faclan sin air an togail a-rithist aig toiseach Soisegul Mharcuis, le teachdaire a’ foillseachadh teachd Ìosa Crìosd. Anns gach linn, agus anns gach ginealach, cluinnear an guth, ma dh’èisteas sinn le cridheachan fosgailte. (Marcus 1: 1- 8). Labhair Dia agus b’e am facal a labhair e comhfhurtachd dhuinn nar latha agus nar linn. Teannaidh sinn dlùth ris an fhacal a labhair e dhuinn tro ar Slànaighear Ìosa Crìosd.
Dèanamaid ùrnaigh:
A Dhè bheò, an-diugh, ann an Àm na h-Aidhbheinne, labhair rinn le comhfhurtachd, labhair rinn gus an cluinneamaid, agus gus an lorgamaid comhfhurtachd agus neart as ùr. A Thighearna, na do thròcair. èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè bheò, an-diugh, ann an Àm na h-Aidbheinne, labhair rinn, agus sinn a’ feuchainn ri comharraidhean nan aimsir a thuigsinn. Labhair rinn, gus an tuigeamaid iad, agus gum faigheamaid eòlas, fiù ’s ann an laithean doirbh, air do làthaireachd air ath-nuadhachadh nar measg. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè bheò, an-diugh, ann an Àm na h-Aidbheinne, labhair rinn san fhàsach, labhair rinn ann an àiteachan cruaidh, agus cuir nar cuimhne na h-amannan anns an do choinnich thu rinn. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè bheò, an-diugh, ann an Àm na h-Aidbheinne. labhair rinn gun ionnsachamaid mu na glinn air an àrdachadh, mu na slèibhtean agus na cnuic air an ìsleachadh airson ullachadh do shlighe, agus gum foillseachamaid teachd an Tighearna a-rithist! A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè bheò, an-diugh, aig Àm na h-Aidhbheinne, labhair riutha a tha aonaranach agus fo bhròn. labhair riutha a tha fo chùram agus fo eagal, agus treòraich sinn, mar a threòraicheas am buachaille, Ìosa Crìosd ar Tighearna, a threud. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
Soidhnichte:
Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba An t-Urramach Lindsey Sanderson, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba) An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba) An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean) An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS) An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)