Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 29mh dhen t-Samhain, ùrnaigh aig 7f

Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 29mh dhen t-Samhain, ùrnaigh aig 7f

Às dèidh mìosan fada doirbh, tha sinn air Àm na h-Aidbheinne a ruigsinn. ’S e àm dòchasach a th’ ann, agus ged a tha e a’ toiseachadh leis an tuigse gu bheil sinn fhathast air ar cuirteachadh le dorchadas, tha e a’ toirt dhuinn gealladh gun tig solas. Ann am bliadhnaichean eile, bhiodh an laoidh seo air a sheinn anns na h-eaglaisean air Latha na Sàbaid seo, aig tòiseach Àm na h-Aidbheinne:

O thig, o thig Imanuel, ’s saoraich sluagh Israeil, a tha fo bhruid is tha fo bhròn, gus an nochd Mac Dhè nan còir.

Chualas anns na faclan sin miann sluagh Dhè airson teachd Dhè nam measg. Agus a’ coimhead air adhart ri coileanadh a’ gheallaidh sin, bidh iad a’ seinn:

Bi aoibh! Bi aoibh! Oir thig Imanuel a shaoradh sluagh Israeil.

Tha gealladh teachd Dhè fhathast a’ fantainn nar cridheachan. Gu dearbh, faodaidh a ràdh gur e àm feitheamh a th’ ann an Àm na h-Aidhbheinne, àm anns a bheil sinn a’ coimhead air adhart ri coileanadh gealladh Dhè: “Oir riamh cha chuala daoine, cha d’ fhairich iad len cluais, cha mhò a chunnaic sùil, dia eile ach thusa, a nì a leithid airson an tì a dh’fheitheas air.” (Isaiah 64: 4).

Feithimid, agus deànamaid ùrnaigh:

A Dhè a thug dhuinn gealladh do Theachd, tha sinn air àite a ruigsinn air an t-slighe far am faigh sinn do ghealladh as ùr. Fiù ’s anns an dorchadas, siridh sinn solas do làthaireachd. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè a thug dhuinn gealladh do Theachd, tha sinn air àite a ruigsinn air an t-slighe far am faigh sinn dòchas as ùr.| Fiù ’s a-measg gach teanntachd agus càs a bha nar n-aghaidh, tha earbsa againn ann an dòchas a tha uile gu lèir seasmhach. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè a thug dhuinn gealladh do Theachd, tha sinn air àite a ruigsinn air an t-slighe far a bheil againn ri feitheamh fad grèis. Bha againn ri feitheamh ann an làithean a dh’fhalbh, agus nì sinn a-rithist e, làn dòchas Teachd Dhè. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè a thug dhuinn gealladh do Theachd, tha sinn air àite a ruigsinn ar an t-slighe far a bheil sinn gad fheitheamh le dòchas. Ged nach eil sinn gad fhaicinn, tha sinn a’ feitheamh air do thìodhlac. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè a thug dhuinn gealladh do Theachd, tha sinn air àite a ruigsinn air an t-slighe far a rùnaicheas sinn gun tèid sinn air adhart Ged is rathad doirbh e, tha sinn a’ dol air adhart, le earbsa nad ghealladh: gun tig Imanuel dhuinn. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

Soidhnichte:

Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba An t-Urramach Lindsey Sanderson, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba) An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba) An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean) An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS) An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)

%d bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close