GAIRM GU ÙRNAIGH: LATHA NA SÀBAID 22mh dhen t-SAMHAIN 2020Ùrnaigh aig 7f

GAIRM GU ÙRNAIGH: LATHA NA SÀBAID 22mh dhen t-SAMHAIN 2020
Ùrnaigh aig 7f


Nuair a smaoineachas sinn air cùram Dhè oirnn, gu tric ’s e ìomhaigh a’
bhuachaille a chì sinn nar n-inntinn: “Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh,
Feuch, lorgaidh mise, mise fhèin, mo chaoraich, agus iarraidh mi a-mach
iad. Amhail a lorgas aodhair a-mach a threud, anns an là anns am bi e am
measg a chaorach a chaidh a sgapadh; mar sin iarraidh mise mo chaoraich
fhèin, agus saoraidh mi iad as a h-uile àite gus an robh iad air an sgaradh, anns
an là neulach agus dhorcha.” (Eseciel 34: 11 – 12) ’S e faclan prìseil,
cumhachdach a tha seo. Tha iad ag innse dhuinn gu bheil Dia a’ sireadh agus a’
tèarnadh an nì sin a bha caillte, teachdaireachd air a bheil sinn feumach ann an
làithean dorcha.
Agus tha sinn beò ann an làithean a tha fìor dhorcha do mhòran. Ann an
làithean mar seo, tha againn ri bhith sàmhach fad greis, ag èisteachd ri guth an
Aoin a ghairmeas oirnn le ar n-ainm. Bidh am buachaille gar gairm le ar nainm, fiù ’s anns na làithean as doirche. Bidh e a’ siubhal maille rinn air an tslighe, agus leanaidh e air an t-slighe sin gus am bris an latha agus an teich na
sgàilean a-rèir toil an Rìgh.
Dèanamaid ùrnaigh:
A Bhuachaille Mhaith,
labhair rinn an-diugh,
agus èist rinn nuair a ghairmeas sinn ort.
Èist ri gaoir do shluaigh,
agus bi maille rinn air an t-slighe.
A Thighearna, èist rinn.
A Thighearna, na do ghràs, èist rinn.
A Bhuachaille Mhaith,
sir sinn nuair tha sinn caillte,
agus cruinnich sinn gu sàbhailte nad làthaireachd.
Labhair rinn nar n-eagal
agus thoir comhfhurtachd dhuinn nar n-iomgain.
A Thighearna, èist rinn.
A Thighearna, na do ghràs, èist rinn.
A Bhuachaille Mhaith,
seas ri ar taobh anns na làithean dorcha seo
agus na trèig sinn.
Lorg nan uile a tha aonranach agus iomagaineach,
agus dlùth-ghabh riutha nad ghràdh.
A Thighearna, èist rinn.
A Thighearna, na do ghràs, èist rinn.
A Bhuachaille Mhaith,
deònaich dhuinn neart nuair a thuislicheas sinn,
deònaich dhuinn spionnadh nuair a tha sinn fann.
Seas ri taobh nan uile a chaidh an dealbhadh nad ìomhaigh,
agus a dh’fhoillseachas do mhaitheas.
A Thighearna, èist rinn.
A Thighearna, na do ghràs, èist rinn.
A Bhuachaille Mhaith,
deònaich dhuinn taic nuair tha sinn a’ fulang
agus slànachadh nuair tha sinn air ar leònadh.
Neartaich sinn gus an neartaich sinn ar coimhearsnaich
agus gus an seas sinn rin taobh anns gach càs.
A Thighearna, èist rinn.
A Thighearna, na do ghràs, èist rinn.
A Bhuachaille Mhaith,
labhair nar cridheachan a-rithist,
agus deònaich dhuinn lèirsinn agus dòchas airson nan làithean a tha ri teachd.
Bi romhainn air an t-slighe, o Bhuachaille, o Rìgh,
agus treòraich sinn dhan àirigh a dh’ullaich thu dhuinn.
A Thighearna, èist rinn.
A Thighearna, na do ghràs, èist rinn. Soidhnichte:
An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba
Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann
Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean,
Eaglais Easbaigeach na h-Alba
An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba
An t-Urramach Lindsey Sanderson, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte
Aonaichte (Alba)
An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba
An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam
Methodach (Alba)
An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an
Alba
Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte
Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean)
An t-Urramach Claire Fender, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan
Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich
Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais
Chrìosdal air Saoradh le Dia
Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla
ann an Alba (MECTIS)
An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)

%d bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close