Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 8mh dhen t-Samhain, ùrnaigh aig 7f

Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 8mh dhen t-Samhain, ùrnaigh aig 7f

“Aig Àm a’ Chuimhneachaidh, bidh sinn a’ coimhead an dà chuid air ais agus air adhart. A’ coimhead air ais, chì sinn an fheadhainn a chaidh romhainn, agus gu sònraichte an sgrios uabhasach a thàinig le cath ’s cogadh. Tha iomadh neach an-diugh fhathast a’ fulang air sgàth cogaidh, agus mar sin tha ar cuimheachadh an-diugh a’ toirt urram dhaibhsan cho math ris an fheadhainn a dh’fhalbh. A’ coimhead air adhart, tha sinn a’ cur ar n-earbsa agus ar dòchas ann an aiseirigh ar Tighearna Ìosa Chrìosd. Mar sin, tha ar beatha air an dealbhadh le cuimhneachadh air na thachair roimhe, agus dòchas air na tha fhathast ri thighinn.

“Ann an Soisgeul Mhata, leughaidh sinn na tha e a’ ciallachadh a bhith beò mar an fheadhainn a ghuidheas air an Tighearna, “gun tigeadh do Rìoghachd”, agus a tha beò ann an dòchas teachd na Rìoghachd. Thuirt Ìosa, “Chuala sibh gun deach a ràdh, ‘Gràdhaichidh tu do choimhearsnach’ agus fuathaichidh do nàmhaid. Ach tha mise ag ràdh ribh, Gràdhaichibh ur nàimhdean agus dèanaibh ùrnaigh air an son-san a tha a’ dèanamh geur-leanmhainn oirbh, airson ’s gum bi sibh nur cloinn dhur n-Athair a th’ air nèamh.” (Mata 5: 43 – 45). Anns na h-amannan doirbh seo, gabhamaid as ùr ri teagasg Ìosa, agus bitheamaid beò mar dhaoine air an dealbhadh le “beatha an t-saoghail a tha ri teachd.”

Dèanamaid ùrnaigh:

A Dhè bheò, tha sinn a’ tighinn fa do chomhair gus coimhead air ais agus a’ cuimhneachadh, agus gus taing a thoirt dhan fheadhainn a chaidh romhainn agus a dhealbhaich an saoghal ann an solas do Rìoghachd. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè bheò, tha sinn a’ tighinn fa do chomhair, gus coimhead air adhart agus ar n-earbsa a chuir anns an dòchas a tha againn ann an aiseirigh ar Tighearna Ìosa Chrìosd. Gun rachamaid air adhart gu dòchasach an-diugh, le ar beatha air a dhealbhadh ann an solas do Rìoghachd. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè bheò, tha sinn a’ tighinn fa do chomhair, a’ cuimhneachadh an fheadhainn a chaidh an leònadh ann an corp agus inntinn ann an cogaidhean ann an eachdraidh. Deònaich dhuinn an gràs a bhith nar luchd-dèanamh na sìthe, agus an neart gus na ballaichean a sgaras sinn a leigeil sìos. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè bheò, Tha sinn a’ tighinn fa do chomhair, agus dùisgidh sinn gach là

deiseil airson na duilgheadasan a tha romhainn. Deònaich gum bitheamaid beò, le ar beatha air a dhealbhadh le solas an t-saoghail a tha ri teachd. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

Soidhnichte:

Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba An t-Urramach Lindsey Sanderson, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba) An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba) An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean) An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS) An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)

%d bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close