Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 1d dhen t-Samhain, ùrnaigh aig 7f
“Tha Latha a’ Chuimhneachaidh a’ teannadh oirnn, agus bidh sin a’ toirt dar cuimhne an fheadhainn a bha cudromach dhuinn, ach nach eil maille rinn tuilleadh. Ann an dòigh, tha an neò-làthaireachd aca a’ sealltainn dhuinn nas soilleire cho cudromach ’s a bha am beatha dhinn, agus na rudan a rinn iad air ar son. Aig an aon àm, tha sinn a’ cuimhneachadh an fheadhainn a dhealbhaich beatha na h-Eaglaise agus na coimhearsnachd, agus an creideamh a tha iad air a theagasg thairis air na linntean. Tha laoidh ainmeil sa Bheurla a’ cur an cèill gu math taingealachd na h-Eaglaise air an son:
Airson na naoimh, a tha a-nis aig fois, A dh’aidich d’ainm-sa fa chomhair an t-sluaigh Guma beannaichte d’ainm, o Ìosa, gu bràth, Alleluia, Alleluia!
“Chì sinn an sealladh sin ann an Leabhar an Taisbeanaidh, le “co-chruinneachadh mòr, nach b’ urrainn do dhuine sam bith àireamh, o gach nàisean is treubh is cinneadh is teanga, a’ seasamh mu choinneamh na rìgh-cathrach agus mu choinneamh an Uain.” Dhan fheadhainn a thàinig tron trioblaid mhòir, bidh an t-Uan “gam buachailleachd… agus suathaidh Dia air falbh a h-uile deur on sùilean.” (Tais. 7: 9 – 7) Tha ar creideamh gar brosnachadh gus an sealladh sin a ghabhail, agus a roinneadh le daoine eile. Aig àm a’ Chuimhneachaidh, roinneamaid gealladh làthaireachd agus slànachadh Dhè.”
Dèanamaid ùrnaigh:
A Dhè bheò, tha sinn a’ tighinn a-steach dod làthaireachd, le fios nach eil sinn a’ tighinn nar n-aonar, ach ann an companachd nan naomh, agus neul cho mòr de dh’fhianaisean a chaidh romhainn. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè bheò, tha sinn a’ tighinn a-steach dod làthaireachd, agus a’ cuimhneachadh an fheadhainn a thug beatha agus altram dhuinn. Tha sinn a’ cuimhneachadh an fheadhainn nach eil còmhla rinn tuilleadh, agus tha sinn a’ toirt taing dhut airson am beatha. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè bheo, Tha sinn a’ tighinn a-steach dod làthaireachd, agus tha sinn ag ùrnaigh airson na feadhainn a tha air an luchd-gràidh a chaill. Tha sinn a’ guidhe ort gum bi iad a’ faireachdainn làthaireachd an Aoin a bhios a’ suathadh air falbh a h-uile deur on sùilean. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè bheò, Tha sinn a’ tighinn a-steach dod làthaireachd, a’ cluinntinn a-rithist gealladh do làthaireachd maireannaich. Air ar sgàth fhèin, agus air sgàth daoine eile, tha sinn ag guidhe ort gum faigheamaid eòlas air gealladh slànachadh Dhè. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè bheò, Tha sinn a’ tighinn a-steach dod làthaireachd, agus a’ seinn nar cridheachan laoidhean dod chliù. Tha sinn a’ togail ar cridheachan, a’ feitheamh gus an latha anns an seinn sinn iad ann an nèamh, gan seinn don Athair, don Mhac agus don Spiorad Naomh. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
Soidhnichte:
Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba An t-Urramach Lindsey Sanderson, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba) An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba) An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean) An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS) An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)