Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 25mh dhen Dàmhair, ùrnaigh aig 7f

Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 25mh dhen Dàmhair, ùrnaigh aig 7f

“Chaidh ceist shìmplidh a chuir air Ìosa ann an Soisgeul Mhata: “Fhir-Teagaisg, cò i an àithne as motha san lagh?” (22: 36). Chaidh a cur am measg tòrr eile gus Ìosa “a ghlacadh na chainnt.” (22: 15). Faodaidh sinn fhaighneachd: cò mheud àitheantan a tha ann san lagh? A-rèir beul-aithris nan Iùdhach, tha 613 dhiubh ann, agus anns an 12mh linn chuir Rabbi cliùiteach iad uile an cèill gu mionaideach. Chì sinn, ma-thà, gur e ceist gu math toinnte a chaidh a cur air Ìosa. Ciamar thuigeas sinn an uiread seo de laghan agus riaghaltan? Tha freagairt Ìosa gar toirt do chridhe an lagha: “Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam agus led uile inntinn… Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.” (22: 37 – 39). Tha e ag ràdh gur ann air an dà àithne seo a tha an Lagh gu lèir agus na Fàidhean a’ crochadh. (22: 40)

“Tha ar beathanann agus ar coimhearsnachdan air an dealbhadh le laghan agus riaghaltan, agus faodaidh ceistean mun deidhinn a bhith doirbh agus toinnte. Ach nach èisteamaid a-rithist ri àitheantan an lagha, gus Dia a ghràdhachadh agus ar coimhearsnach a ghràdhachadh mar sinn fhèin, agus nach dearbhamaid gu bheil a h-uile rud a’ crochadh air a sin, agus nach leanamaid an dà àithne seo, a threòrachas sinn tro ar ceistean uile.”

Dèanamaid ùrnaigh:

A Thighearna ar Dia, tha sinn a’ tighinn gad ionnsaigh, gad ionnsaigh-sa, an Tì a labhair rinn ann an làithean a dh’fhalbh. Agus tha sinn a’ guidhe ort gun labhradh tu rinn san latha an-diugh. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Thighearna ar Dia, tha sinn ag èisteachd ri d’ Fhacail agus ris an gairm gus do ghràdhachadh le cridhe agus anam agus inntinn. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Thighearna ar Dia, Mar fhreagairt, bheir sinn dhut ar cridheachan agus ar n-anaman fhèin, le fios gun tug thu fhèin gach nì a bh’ agad tro Chriosd ar Tighearna. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Thighearna ar Dia, Tha sinn a’ tionndadh gad ionnsaigh, gad ionnsaigh-sa, a rinn sin nad ìomhaigh fhèin, agus a rinn ar coimhearsnach san ìomhaigh sin. A Thighearna, na do tròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Thighearna ar Dia, Tha sinn a’ siubhal maille ri ar coimhearsnaich, a’ feuchainn ris an gràdhachadh a-rèir d’àithne.

A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaighean.

A Thighearna ar Dia, tha sinn nar seasamh ri taobh ar coimhearsnaich, le fios gu bheil thusa nad sheasamh maille rinn. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

Soidhnichte:

Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba An t-Urramach Lindsey Sanderson, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba) An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba) An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean) An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS) An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)

%d bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close