Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 18mh dhen Dàmhair, ùrnaigh aig 7f
“An tèid Dia maille rinn? Sin a’ cheist a tha aig mòran an-diugh. An tèid Dia maille rinn, tro na dùbhlanan a tha romhainn uile, gu pearsanta agus mar choimhearsnachd? An tèid Dia maille rinn tro na làithean mì-chinnteach seo? Ma thèid, ciamar a bhios fios againn gun tèid? “Treòraich Maois an sluagh às an Èipheit, agus tro bliadhnaichean an turais aca san fhàsach, b’ e an aon cheist a bha aig sluagh Israeil: An tèid Dia maille rinn? Ma thèid, ciamar a bhios againn gun tèid? Agus ’s e seo freagairt an Tighearna: “Thèid mo làthaireachd maille ribh, agus bheir mi fois dhuibh… agus is aithne dhomh sibh air ur n-ainm.” Agus ghuidh Maois air gun fhoillsich e dha a ghlòir, agus thuirt an Tighearna, “Feuch tha àite làimh rium, agus seasaidh tusa air carraig, agus nuair a bhios mo ghlòir a’ dol seachad, an sin cuiridh mi thu ann sgoltadh den charraig, agus còmhdaichidh mi lem làimh thu gus an tèid mi seachad.” (Ecsodus 33: 14 – 23). Mar a tha againn anns an laoidh:
Chreag a sgaoilteadh air mo sgàth, Bi nad fhasgadh dhomh ’s nad stà!
“An tèid Dia maille rinn? Thèid, fiù ’s air an turas as dorra. Ma thèid, ciamar a bhios fios againn gun tèid? Bidh fios againn oir treòraichidh e sinn a dh’àite sàbhailte.”
Dèanamaid ùrnaigh:
A Thighearna, treòraich sinn dhan àite far an aithneachar thu agus do eòlas air do làthaireachd. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Thighearna, treòraich sinn dhan àite far an lorgar fois agus neart as ùr. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Thighearna, treòraich sinn, far an cruinnich an sluagh, a chaidh an dealbhadh nad ìomhaigh fhèin, agus far an cualar an guth. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Thighearna, treòraich sinn dhan àite far an aithnich thu ar n-ainmean fhèin agus far an gabh thu rinn. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Thighearna, treòraich sinn, do fhasgadh daingean, far an gabhamaid dìon.
A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Thighearna, treòraich sinn, dhan àite far a bheil do ghlòir air a foillseachadh, agus far am bi ar beathanan air an cruth-atharrachadh ann an Crìosd. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
Soidhnichte:
An Ceart Urramach Coamhan Pearson, as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba An t-Urramach Lindsey Sanderson, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba) An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba) An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean) An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS) An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)