Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 11mh dhen Dàmhair, ùrnaigh aig 7f

Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 11mh dhen Dàmhair, ùrnaigh aig 7f

“A-measg dùbhlanan eile a tha romhainn anns na làithean seo: tha e doirbh dhuinn a mhìneachadh na tha a’ tachairt agus na tha sinn a’ faireachdainn. Tha sin nas dorra na bha cuid againn an dùil an toiseach.

“Nuair a dh’fheuchas sinn ri dùbhlanan spioradail ar linn a mhìneachadh, tionndaidh sinn do na Sgriobtaran, oir chì sinn annta faclan a labhradh rinne agus air ar son. Sgrìobh Augustine, sgrìobhaiche ainmeil ann an Afraga a Tuath anns a’ chòigeamh linn: “Ma tha ùrnaigh ann an salm, nì thu ùrnaigh. Ma tha caoineadh ann an salm, nì thu caoineadh. Ma tha brosnachadh ann an salm, bidh thu air do bhrosnachadh. Ma tha dòchas ann, bidh dòchas agad. Ma tha eagal ann, bidh eagal ort. ’S e sgàthan dhuinn a th’ anns gach rud a tha sgrìobhte ann an Leabhar nan Salm.”

“Is e Salm 23 ar sgàthan an-diugh. “Is e Dia fhèin as buachaill dhomh, cha bhith mi ann an dìth.” Tha an ìomhaigh seo a’ bruidhinn rinne agus air ar son. Tha e a’ dùsgadh cuimhneachdan agus tuigse taobh ar staigh, aig ìre fìor dhomhainn. G’e be na slighean a tha romhainn, fiù ’s “gleann dorcha sgàil a’ bhàis”, bidh an Tighearna a’ treòrachadh ar ceum, gus nach eagal leinn “aon olc no urchaid a theachd” oirnn. Tha an Salm a’ bruidhinn rinne agus air ar son, gu pearsanta agus mar choimhearsnachd.”

Dèanamaid ùrnaigh:

A Bhuachaille mhaith, Labhair rinn agus air ar son, Labhair rinn ann an àm ar feuma, agus, tro fhaclan an t-Salmaidh, labhair air ar son. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Bhuachaille mhaith, Labhair rinn aig beul an latha, agus aig beul na h-oidhche. Labhair rinn le faclan a dhùisgeas ar cridhe, eadhon nuair a bhios ar faclan fhèin balbh. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Bhuachaille mhaith, Bidh maille rinn air an t-slighe, eadhon anns na gleanntan dorcha. Thèid romhainn, gus ar treòrachadh dhachaigh. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Bhuachaille mhaith, Tha sinn ag aideachadh gu bheil an t-eagal oirnn, agus gu bheil ar n-anama fo dhòrainn. Treòraich sinn ri taobh nan aibhnichean thèid seachad sìos gu mall, agus aiseag ar n-anam

air ais. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Bhuachaille mhaith, Gu deimhinn, tha thu maille rinn, agus bheir do làthaireachd comhfhurtachd dhuinn. Tabhair dhuinn comhfhurtachd nuair a bhios sinn fo iomagain. Tabhair dhuinn neart nuair a bhios sinn fann. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Bhuachaille mhaith, anns na làithean seo, tabhair dhuinn do mhaitheas agus do ghràs. Anns na làithean a tha ri teachd, tabhair dhuinn an cuimhne gun lean do mhaith is tròcair rinn. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

Soidhnichte:

Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba An t-Urramach Lindsey Sanderson, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba) An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba) An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean) An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS) An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba

%d bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close