Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 27mh dhen t-Sultain, ùrnaigh aig 7f

Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 27mh dhen t-Sultain, ùrnaigh aig 7f

“Thòisich sluagh Israeil ri gearan ri Maois airson an darna turas air an t-slighe a bha a-nis cho fada nas fhaide na bha iad an dùil. B’e seo cnag na cùise: ‘A bheil an Tighearna maille rinn, no nach eil?’ Is urrainn dhuinn leughadh mun chiad turas a rinn iad gearan ann an Ecsodus 16, nuair a thug an Tighearna “aran à nèamh” dhaibh ann an àm am feuma às dèidh dhaibh a’ chiad gearan sin a dhèanamh. Greis as dèidh sin, agus an turas aca a’ sìor-fhàs nas fhaide, thòisich iad ri gearan a-rithist. Mar fhreagairt, thuirt an Tighearna ri Maois, ‘Imich ron t-sluagh’ gus an treòrachadh gu àite far an robh uisge sa charraig ‘a-chum gun òl an sluagh.’ Agus threòraich Maois an sluagh dhan àite far an robh uisge san fhàsach. (Ecsodus 17: 1 – 7).

“Airson an darna àm air turas a tha a-nis a’ coimhead nas fhaide na bha sinn an dùil an toiseach, tha sinn air ar gairm mar shluagh Dhè gus ar pàirt a dhèanamh ann an èiginn Covid-19. Chan eil sinn far an robh sinn ag iarraidh a bhith, agus chan urrainn dhuinn a dhol air ais dhan àite far an robh sinn roimhe. Aig an àm seo, dh’fhaodadh ceist sluagh Israeil a bhith againn cuideachd, ‘A bheil an Tighearna maille rinn, no nach eil?’ Fhad ’s a tha sinn a’ siubhal air adhart còmhla ri chèile, tha sinn a’ guidhe air an Tighearna gun treòraich e sinn dhan àite far a bheil uisge san fhàsach, gus an canamaid, ‘Gu deimhinn, tha an Tighearna maille rinn!’”

Dèanamaid ùrnaigh:

A Dhè bheò, ’S e turas cruaidh a tha againn an-diugh, maille ri mòran a tha sgìth agus fo eagal. ’S e turas cruaidh a tha againn, agus tha sinn ag aideachadh gu bheil sinn fhèin sgìth agus fo eagal. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè bheò, Chuala tu gaoir do shluaigh anns na laithean a dh’fhalbh, èist ri gaoir do shluaigh an-diugh. Mar a thug thu uisge san fhàsach dod shluagh anns na làithean a dh’fhalbh, tabhair e dhuinn mar an ceudna an-diugh. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè bheò, tha thu air a bhith a’ coimhead oirnn, agus gar treòrachadh gu ruige seo. Tha thu a’ coimhead oirnn a-nis, agus tha earbsa againn gun treòraich thu sinn a dh’àite sàbhailte a-rithist. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè bheò, Tha sinn a’ coimhead air ar turas gu ruige seo, agus chan eil sinn a’ dìochuimhneachadh na feadhna nach eil còmhla rinn tuilleadh. Tha sinn a’ coimhead air ar turas gu ruige seo,

agus chan eil sinn a’ dìochuimhneachadh na dubhlanan a tha air a bhith againn. A Thighearna, na do tròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè bheò, imich romhainn, tha sinn ag ùrnaigh, gar treòrachadh a dh’àite do làthaireachd. Imich romhainn, gus an lorg sinn do làthaireachd as ùr. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè bheò, Deònaich dhuinn eòlas do làthaireachd, fhad ’s a tha sinn air an t-slighe. Aig ceann ar turais, gum biodh fhios againn gun robh thu maille rinn an-còmhnaidh. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

Soidhnichte:

Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba An t-Urramach Lindsey Sanderson, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba) An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba) An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean) An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS) An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)

%d bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close