Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 13mh dhen t-Sultain, ùrnaigh aig 7f
‘Maith dhuinn ar fiachan, amhail mar a mhaitheas sinne dar luchd-fiach’. Tha maitheanas aig cridhe Ùrnaigh an Tighearna, agus aig cridhe na beatha Crìosdaidh. Tha maitheanas aig cridhe ar dàimh leis an Dia a dheònaicheas dhuinn maitheanas agus cothrom gus tòiseachadh as ùr. Agus mar sin, tha sinn air ar gairm gus mathaineas a thoirt do dhaoine eile. Is ann tro mhaitheanas a bhios sinn ag ath-nuadhachadh dàimhean a chaidh am bristeadh. Agus mar sin, bidh maitheanas ann far an robh pian agus far a bheil feum air slànachadh. Bidh facal a’ mhaitheanais a’ tairgsinn dhuinn cothrom slànachaidh agus cothrom ath-nuadhachaidh.
Chuir an t-Abstol Peadar an ceist air Ìosa a bhios sinn uile a’ cur air aig amannan: dè cho tric ’s a bheireas sinn maitheanas do dhaoine a pheacaich nar n-aghaidh? ’S e ceist mhath a th’ ann, oir chan e rud furasta a th’ ann am maitheanas. Mar fhreagairt, dh’innis Ìosa dha cosmhalachd air tròcair agus maitheanas, agus is brìgh na sgeòil gum bu chòir dhuinn maitheanas a thoirt gu saor agus gu h-iomlan, oir b’e sin a rinn Dia an toiseach air ar sgàth (Mata 18: 21 – 35).
Dèanamaid ùrnaigh:
A Dhè a’ mhaitheanais, Tha sinn a’ togail taing dhut airson do ghràidh iomlain, agus airson do mhaitheanais a fhuair sinn tro Ìosa Chrìosd. Le earbsa nad ghràdh agus nad mhaitheanas, tha sinn a’ glaodh riut. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè a’ mhaitheanais, Tha sinn a’ togail taing dhut, oir is aithne dhut sin gu h-iomlan, agus gu bheil thu a’ gabhail rinn mar a tha sinn. Tha sinn a’ tionndadh riut, ag guidhe gun deònaich thu do mhaitheanas dhuinn. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè a’ mhaitheanais, Tha sinn a’ togail taing dhut, oir tha do ghealladh earbsach, agus tha maitheanas ri lorg annad. Tha sinn a’ dlùth-gabhail riut, le fios gun do ghabh thu rinn mar-thà. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè a’ mhaitheanais, cruthaich annainn cridheachan glan, gus am bi gràdh nas iomlaine againn air gach aon a rinneadh nad iomhaigh fhèin. Mar a ghabh thu rinn, gabhamaid ri do chruthachadh gu lèir. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè a’ mhaitheanais, Deònaich gum mair gràdh nar cridheachan, mar a mhaireas e nad chridhe fhèin. Agus mar a fhuair sin maitheanas tro Ìosa Chrìosd,
gum biodh sinn a’ mealtainn an tìodhlaic seo maille ri do shluagh gu lèir. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
Soidhnichte:
Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba An t-Urramach Daibhidh Pickering, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba) An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba) An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean) An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS) An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)