Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 30mh dhen Lùnastal, ùrnaigh aig 7f

Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 30mh dhen Lùnastal, ùrnaigh aig 7f

“‘Tha mi an seo.” Tha a faclan simplidh seo ag innse dhuinn cò a th’ ann an Dia, agus gu bheil e faisg oirnn. Tha esan a’ bruidhinn, agus tha fhios aige gun aithne dhuinn cò a th’ ann. Chan eil feum ann air a’ chòrr. Tha dàimh ann eadar an neach a labhras agus an neach an chluinneas.

“Ann an leabhar Ecsoduis, foillseachar làthaireachd bheò agus pearsa an Tighearna do Mhaois. Is ann air ‘talamh naomh’ a chluinn e guth an Tighearna a’ bruidhinn à meadhon pris a bha a’ lasadh le teine ach nach robh air a losgadh. Aig an toiseach, cha do dh’aithnich Maois cò an t-Aon a bha a’ bruidhinn ris, agus cha robh an t-ainm naomh air a fhoillseachadh dha gu buileach. Nuair a dh’fhaighnich Maois dheth cò a bh’ ann, thuirt an Tighearna, “IS MI AN TÌ AS MI” (Ecsodus 3: 1 – 15). Tha làthaireachd an Tighearna air a foillseachadh dhuinn nar cridhe nuair a labhras an Tighearna rinn. Tha dàimh ann eadar an neach a labhras agus an neach a chluinneas.”

Dèanamaid ùrnaigh:

A Dhè bheò, Labhair rinn, gus am mothaich sinn do làthaireachd, agus gun aithnich sinn d’ Ainm an-diugh. Labhair rinn, gus an cluinn sin nar beathanan do ghuth naomh gach latha. A Thighearna, èist rinn, A Thighearna ghràsmhòr, èist rinn.

A Dhè bheò, Foillsich dhuinne d’Ainm, mar a dh’fhoillsich thu e anns na linntean a dh’fhalbh, gus am bi fios againn gu bheil thu maille rinn an-diugh. A Thighearna, èist rinn, A Thighearna ghràsmhòr, èist rinn.

A Dhè bheò, Tha thu air d’fhoillseachadh fhèin dhuinn, gus am bi sinn a’ gabhail pàirt nad bheatha. Deònaich gun roinneadh sinn ar beatha le daoine eile, agus eòlas fhaighinn orra mar ar theaghlaich agus ar caraidean fhèin. A Thighearna, èist rinn, A Thighearna ghràsmhòr, èist rinn.

A Dhè bheò, Nuair a ghabhas sinn pàirt ann am beatha an t-saoghail, deònaich gun cluinneamaid guthan an fheadhainn a tha gar cuairteachadh. Nuair a chluinneas sinn na guthan aca, dèonaich gum faigh sinn eòlas nas fheàrr orra. A Thighearna, èist rinn, A Thighearna ghràsmhòr, èist rinn.

A Dhè bheò, Deònaich gum faigh sinn eòlas ort, Athair, Mac agus Spiorad Naomh. Deònaich gun cluinneamaid do ghuth san àite far a bheil sinn, gum bi sinn beò annad an-diugh. A Thighearna, èist rinn, A Thighearna ghràsmhòr, èist rinn.

Soidhnichte:

Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba An t-Urramach Daibhidh Pickering, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba) An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba) An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean) An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS) An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)

%d bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close