Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 23mh dhen Lùnastal, ùrnaigh aig 7f

Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 23mh dhen Lùnastal, ùrnaigh aig 7f

“Dè cho math ’s a tha sinn a’ deileagadh ri dùbhalanan? Gun teagamh, bidh sinn a’ deileagadh riutha nas fheàrr no nas miosa ann an co-theacsaichean diofraichte. Tha e soilleir ged-tà, gum bi cùisean a’ dol nas fheàrr leinn nuair a tha caraidean ri ar taobh.

“Tha amas romhainn uile mar phàirt de bhodhag Chrìosda. Tha an dòigh anns a bhios sinn ga choileanadh à rèir muinntir eile na coimhearsnachd. Lorgaidh sinn cridhe ar n-adhraidh ann a bhith a’ leanntainn a’ chùrsa seo, mar fhreagairt do thròcair Dhè. Ann am bodhag Chrìosda, tha tàlantan agus fèin-aithne againn a tha aonaichte (Ròmanaich 12: 1 – 8). Aig an aon àm, chan eil e idir furasta a bhith a’ coileanadh an dleasdanais seo anns na làithean doirbh agus neònach anns a bheil sinn. Ach tha fios is cinnt againn nach eil sinn nar n-aonar, oir tha làn earbsa againn ann an tròcair Dhè.”

Dèanamaid ùrnaigh:

A Dhè bheò, a Dhè na tròcaire, Tha sinn uile gu lèir eismileach air do thròcair. Glèidh sinn, agus na h-uile air a bheil thu a’ gairm, fo sgàil do sgèith. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè bheò, a bheir dhuinn tròcair, tha sinn a’ gabhail ri do thiodhlac ghràsmhòr, agus tha sinn a’ tairgsinn ar beatha ann an seirbheis dhut agus do ar choimhearsnaich. Gabh rinn mar a tha sinn, agus glèidh sinn na do ghràdh. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè, tha thu a’ dùsgadh tròcair annainn. Deònaich gum bi sinn tròcaireach do chàch. Deònaich gum bi sinn mòthachail gu bheil sinn mar phàirt de shluagh Dhè agus gu bheil sinn ag obair còmhla. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè bheò, a dhèonaicheas tròcair do chàch, Gairm sinn a-rithist gus adhradh a thoirt dhut. Anns an àite far a bheil sinn, nar n-aonar no ann an cuideachd, gabh ri ar n-adhradh tro Ìosa Crìosd ar Tighearna. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè bheò, A Dhè na tròcair, lìonaidh cliù d’ainme gach uile thìr. Deònaich gum foillsich sinne, a fhuair do thròcair, cliù d’ainme far a bheil sinn. A Dhè, na do tròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

Soidhnichte:

Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba An t-Urramach Daibhidh Pickering, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba) An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba) An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean) An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS) An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)

%d bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close