Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 26mh dhen Iuchar, ùrnaigh aig 7f

Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 26mh dhen Iuchar, ùrnaigh aig 7f

O chionn goirid thuirt ministear àraidh nach eil sinn, mar Chrìosdaidhean, saor o strìbhean agus fulangasan saoghal briste. Bha e ceart.

Ach tha e fìor cuideachd gu bheil Dia còmhla rinn, anns gach càs. Chan e Tighearna gun ùidh, no Rìgh fuar fada às a tha sinn a moladh. Seadh, is e bunait ar creideimh gu bheil Dia còmhla rinn ann an darìreabh, Emanuel.

Is e dleastanas na h-eaglaise an fhìrinn seo fhoillseachadh ann an ùrnaigh agus gnìomh. Nuair a tha an Eaglais ag ùrnaigh airson an t-saoghail, nuair a tha an Eaglais a’ gabhail cùram ris an t-saoghal, tha an Eaglais a’ dearbhadh gu bheil Dia còmhla rinn anns an t-saoghal.

Tha sin air a bhith fìor tro làithean a’ ghalair, agus tha e fìor fhathast a-nis, agus sinn a’ smaoineachadh air an rathad a romhainn, a’ beachdachadh air saoghal as fheàrr a thogail, agus cò ris a bhios sin coltach. Gum biomaid uile a’ cumail oirnn ann an ùrnaigh, ag earbsa ann, agus a’ faighainn eòlas nas pailte air.

Deànamaid ùrnaigh:

A Dhè as àirde, tha thu fada os ar cionn, agus os cionn ar tuigse. Ach ann an Ìosa thàinig thu nar measg, agus tha thu an-seo. Le cridheachan làn aoibhneis agus taingealachd, tha sinn gad mholadh.

A Dhè uile-earbsaich, nuair a tha gair nan tonn a’ bagairt oirnn, agus teine a’ losgadh mu thimcheall oirnn, tha thu fhathast ri ar taobh. Cha tig latha anns an trèig thu sinn, chan fhàg thu sinn nar naonar. Le cridheachan làn aoibhneis agus taingealachd, tha sinn gad mholadh.

A Dhè a threòraicheas sinn, is lochran thu dar casan agus is solas thu dar ceum. Ann an làithean mìchinnteach, bi romhainn air an t-slighe, tha sinn ag guidhe ort, gus an lean sinn do ghuth agus do stiùireadh. Le cridheachan làn aoibhneis agus taingealachd, tha sinn gad mholadh.

A Dhè shìorraidh, tha iomadh rud ann nach mair ach fad greis. Tha sinn fhèin mar fhlùraichean an achaidh: a’ fàs an-diugh, a’ seargadh a-màireach. Ach tha thusa, a Thighearna, gun toiseach no crìoch, an Tì ceudna an-dè, an-diugh agus gu sìorraidh. Deònaich gum bi sinn a’ coimhead riut-sa ancòmhnaidh, a’ taisgeadh ionmhasan air nèamh dhuinn fhèin, far nach dèan an leòmann agus a’ mheirg sgrios agus nach eil mèirlich a’ brisdeadh a-steach. Le cridheachan làn aoibhneis agus taingealachd, tha sinn gad mholadh.

A Dhè uile-ghràdhaich, tha sinn a’ gabhail iongantais ri do mhaitheis, agus is e ar miann eòlas nas doimhne agus nas pailte a chuir ort. Deònaich gum bi acras is pathadh do làithearachd ancòmhnaidh oirnn. Le cridheachan làn aoibhneis agus taingealachd, tha sinn gad mholadh.

Ann an ainm Chrìosd, Amen.

Soidhnichte:

Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba An t-Urramach Daibhidh Pickering, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba) An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba) An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean) An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS) An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)

%d bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close