Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 19mh dhen Iuchar, ùrnaigh aig 7f

Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 19mh dhen Iuchar, ùrnaigh aig 7f

Anns na mìosan a chaidh seachad, tha sinn air luach prìseil na beatha agus ar neisimileachd air daoine eile fhaicinn. Nuair a dh’aithneachas sinn an luach seo, aithnichidh sinn mar an ceudna gur tìodhlac Dhè a th’ ann an tìodhlac na beatha. Tha sinn uile gu lèir eisimileach air an Aon a thug an tìodhlac sin dhuinn. Agus tha sinn a’ cuimhneachadh air cho brisg ’s a tha beatha agus ’s a tha an cruinne-cè air fad, agus gu bheil dleastanas oirnn an aire a thoirt air na tìodhlacan a thug an Tighearna dhuinn. Tha Dia a’ cruthachadh, tro Chrìosd agus leis an Spiorad, coimhearsnachd anns a bheil sinn dearbhte nar clann do Dhia. Anns a’ choimhearsnachd seo, tha sinn a’ dlùthachadh ris an Tighearna bheò, a’ gabhail ri oighreachd Chrìosd agus Spiorad Dhè (Ròmanaich 8: 12 – 25). Mar chlann Dhè, a fhuair tìodhlac Dhè, dèanamaid ùrnaigh:

Tha sinn gad mholadh, a Dhè Bheò, ag èigheach, “Abba! Athair!” Oir is tu an t-Aon a dhealbhas beatha, aig a bheil gaol air gach rud a chruthaich thu le do làimh. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

Tha sinn gad mholadh, a Chrìosd Bheò, agus ag aideachadh gur e Ìosa an Tighearna! Oir chaidh do cheusadh, agus dh’èirich thu a-rithist, agus trobhad-sa tha sinn rèite ri Dia. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

Tha sinn gad mholadh, Spioraid an Dhè Bheò, a’ togail taing dhut airson ar n-uchd-mhacachd mar chlann Dhè. Oir tha thu maille rinn anns gach càs, a’ tabhairt dhuinn dòchas. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

Tha sinn gad mholadh a Dhè, Athair, Mac agus Spiorad Naomh, tha sinn a’ moladh agus a’ glòrachadh d’ainme naoimh. Tha sinn ag èigheach: “Is naomh, naomh, naomh an Tighearna, Dia a’ chumhachd agus an neirt. Tha nèamh is talamh làn ded ghlòir.” A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.

Soidhnichte:

Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba An t-Urramach Daibhidh Pickering, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba)

An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba) An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean) An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS) An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)

%d bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close