Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 12mh dhen Iuchar, ùrnaigh aig 7f
Tha ar n-eòlas air an t-saoghal agus air ar beatha dealbhaichte gu mòr leis ar n-eachdraidh agus na tha sinn a’ faicinn mu thimcheall oirnn. Tro bhliadhnaichean ar beathannan, bheir iomadh rud buaidh air ar fèin-àithne agus air ar n-eòlas, eadar dualchas agus tachartasan agus suidheachadhan de gach seòrsa. Agus mar sluagh Dhè, tha fèin-àithne agus eòlas againn stèidhichte air a’ choimhearsnachd a chruthaich Ìosa Crìosd, glèidhte agus ath-nuadhaichte tron Spiorad Naomh. Anns a’ choimhearsnachd sin, le stiùireadh Spiorad Dhè, chì sinn nach eil ar fèin-àithe agus ar n-eòlas stèidhichte a-mhàin air na thachair an-dè agus na tha a’ tachairt an-diugh, ach air ar dòchas san àm ri teachd mar an ceudna. Cluinnidh sinn, mar phobal an Tighearna, faclan Sgriobtair ag ràdh, “Mar sin, chan eil dìteadh sam bith a-nis ann dhaibhsan a th’ ann an Crìosd Ìosa” (Ròmanaich 8: 1). Ge brith na rudan a thachair anns na làithean a dh’fhalbh, ge brith na dùbhlain againn an-diugh, faodaidh sinn cumail oirnn le cinnt nach eil rud sam bith an comas air ar sgaradh o ghaol Dhè.
Dèanamaid ùrnaigh:
A Dhè Bheò, is tusa Ùghdar na Cruinne, rinn thu sinn nad ìomhaigh fhèin agus ghlèidh thu sinn anns na làithean a dh’fhalbh. Glèidh sinn agus dìon sinn, mar a rinn thu riamh. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè Bheò, is tusa ar Fear-saoraidh agus ar Fear-slànachaidh. Tha thu a’ rèiteachadh a h-uile nì tro Ìosa Crìosd, ìomhaigh an Dè neo-fhaicsinnich. Glèidh ar beathannan agus dìon sinn an-diugh. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè Bheò, thug thu dhuinn tìodhlac do Spioraid. Bheir thu dhuinn anail na beatha fhèin, agus bidh thu gar n-ath-nuadhachadh le do Spiorad. Treòraich sinn tron àm ri teachd, le Crìosd agus le do Spiorad. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè Bheò, bha thu maille rinn anns na làithean a dh’fhalbh, bi maille rinn an-diugh, agus anns gach latha a tha ri teachd. Deònaich gun faod sinn cumail oirnn le cinnt nach eil rud sam bith an comas air ar sgaradh o ghaol Dhè. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
Soidhnichte:
Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba
Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba An t-Urramach Daibhidh Pickering, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba) An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba) An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean) An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS) An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)