Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 5mh dhen Iuchar, ùrnaigh aig 7f
‘Thigibh thugamsa, sibhse uile a tha ri saothair agus fo throm-eallaich, agus bheir mise fois dhuibh.’ (Mata 11: 28, ATN)
“Feumaidh sinn uile èisteachd ris na faclan seo aig Ìosa. Feumaidh sinn èisteachd ris na faclan seo oir tha iad a’ bruidhinn rinn, agus sinn ann an suidheachadh cho doirbh. Tha na faclan seo a’ togail dealbh ann an sùil ar n-inntinn. Tha sinn gar faicinn fhèin anns an dealbh sin, agus sinn sgìth agus fo eallach throm. Chì sinn cuideachd an t-Aon a tha a’ tairgseadh dhuinn fois.
“Anns an dealbh sin tha sinn a’ faicinn feumalachdan mac-an-duine agus mar a bheireas Dia dhuinn gach rud a tha a dhith. Tha sinn a’ tuigsinn seo oir tha fios gu bheil Ìosa a’ glèidheadh gach rud a thug an t-Athair dha. Tha e a’ cumail ar beathannan na làimh, agus a’ tairgseadh ath-nuadhachadh dhan fheadhainn a shireas a làithearachd (Mata 11: 25 – 30). Ge b’e an t-àite far a bheil sinn, ge b’e an eallach a tha oirnn, tha Ìosa a’ gealltainn dhuinn gun lorg sinn ath-nuadhachadh anns a làithearachd.”
Dèanamaid ùrnaigh:
A Thighearna, tha sinn a’ tighinn thugad mar a tha sinn, oir chan urrainn dhuinn tighinn ann an dòigh sam bith eile. Tha sinn a’ tighinn, mothachail air na h-eallaich a tha oirnn, agus a’ cur ar n-earbsa nad ghealladh agus nad fhois. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Thighearna, tha sinn a’ tighinn thugad, le cinnt nach eil sinn nar n-aonar. Tha sinn a’ tighinn maille ris a h-uile neach a tha a’ strì tro na làithean dùbhlanach seo. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Thighearna, tha sinn a’ tighinn thugad, mothachail gun tàinig thu thugainn an toiseach. Tha sinn a’ dol dhan àite far a bheil thusa ri lorg, agus tuigidh sinn a-rithist gu bheil thu air a bhith maille rinn a-riamh. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Thighearna, tha sinn a’ tighinn thugad, Thugadsa, an t-Aon a bha làn-eòlach oirnn an-dè agus a tha làn-eòlach oirnn an-diugh. Saor sinn bho na rudan a chumas sinn anns na làithean a dh’fhalbh, gus am b ’urrainn dhuinn seirbheis nas fheàrr a thoirt dhut anns an latha a th’ ann. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
A Thighearna, tha sinn a’ tighinn thugad, tro Ìosa, an t-Aon a tha ceudna an-dè, an-diugh agus gu sìorraidh. Gum biodh esan gar cumail sàbhailte,
agus sinn a’ coimhead air adhart ris an àm ri teachd, ri do gheallaidh agus rid fhois. A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh.
Soidhnichte:
Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba An t-Urramach Daibhidh Pickering, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba) An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba) An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean) An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS) An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)