Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 28mh dhen Ògmhios, ùrnaigh aig 7f

Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 28mh dhen Ògmhios, ùrnaigh aig 7f

Gu ceann ar beatha, bidh cuimhne againn air na trì miosan seo chaidh. Bidh sinn a’ coimhead air ais, a’ meòrachadh air na thachair, air na bha agus na tha e a’ ciallachadh. Gun teagamh, bidh ceistean againn. Aig cridh a’ ghnothaich, tha sinn air a bhith air ar dealachadh bho ar teaghlaich, bho luchd ar gràidh, rud a bha riatanach ri linn na cunnartan an luib COVID-19. Leis an glasadh-sluaigh a’ leigeil fa sgaoil beag air bheag, bidh sinn a’ faighinn brìgh na fàilte a-rithist, mar gum biodh, ag ionnsachadh a-rithist na tha e a’ ciallachadh a bhith ann an co-chomunn ri ar co-chreutairean.

Tha na rudan seo – fàilte, co-chomunn, càirdeas – aig cridhe ar nàdair mar mhic an duine, agus tha iad a’ foillseachadh dhuinn na tha e a’ ciallachadh nuair a tha sinn ag ràdh gun do rinn Dia sinn na ìomhaigh fhèin. Ann an Soisgeul Mhata (10: 40 – 42), tha Ìosa a’ meòrachadh air a seo, agus air an fhìrinn gu bheil sinn a’ cur fàilte air làthaireachd Dhè nuair a chuireas sinn fàilte air càch a chèile. A chàirdean, nuair a chuireas sinn fàilte air a chèile a-rithist, nach cuireamaid fàilte ath-nuadhaichte cuideachd air coimhearsneachd agus air co-chomunn ann an làthaireachd an Dè bheò.

Dèanamaid ùrnaigh:

A Dhè bheo, a chruthaich a h-uile nì, rinn thu sinn nad ìomhaigh fhèin, gus am bi sinn, nar beathannan,a’ foillseachadh d’ ìomhaigh. Tha sinn a’ toirt molaidh agus taing dhut airson an tìodhlaic seo. A Thighearna, èist rinn. A Thighearna ghràsmhoir, èist rinn.

A Dhè bheò, a tha a’ tabhairt dhuinn a h-uile nì, tha do thìodhlac dhan t-saoghal air fhoillseachadh nad Mhac, ìomhaigh an Dè neo-fhaicsinnich. Tha sinn a’ toirt molaidh agus taing dhut airson làithearachd do Mhic, a tha daonnan air ath-nuadhachadh. A Thighearna, èist rinn. A Thighearna ghràsmhoir, èist rinn.

A Dhè bheò, a tha ag ath-nuadhachadh a h-uile nì, tha thu ag iarraidh oirnn ar dàimhean le càch a chèile ath-nuadhachadh, gus am bi sinn ag ath-nuadhachadh ar dàimh leat fhèin. Tha sinn a’ toirt molaidh agus taing dhut airson an fhàilte agus an ath-nuadhachaidh a tha thu toirt dhuinn. A Thighearna, èist rinn. A Thighearna ghràsmhoir, èist rinn.

A Dhè bheò, a Dhè na Fàilte, cuiridh tu fàilte oirnn nuair a thilleas sinn thugad, sgìth agus fo eallach. Gabh rinn mar a tha sinn, agus tabhair dhuinn do mhaitheanas nuair a thèid sinn air seachran. Tha sinn a’ toirt molaidh agus taing dhut airson an gràidh a tha sinn a’ faighinn nad fhàilte.

A Dhè bheo, A Dhè a’ ghràidh, tha thu a’ tairgsinn dhuinn tìodhlacan matha, agus ag iarraidh oirnn ghabhail riutha. Mar fhreagairt, tha sinn a’ tairgsinn dhutsa ar beathannan uile gu lèir, ar n-inntinnean, ar cuirp, ar spioradan. Tha sinn a’ toirt molaidh agus taing dhut airson gealladh seasmhach do ghràidh. A Thighearna, èist rinn. A Thighearna ghràsmhoir, èist rinn.

Soidhnichte:

Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba An t-Urramach Daibhidh Pickering, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba) An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba) An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean) An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS) An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)

%d bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close