Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 21mh dhen Ògmhios, ùrnaigh aig 7f
Tha sinn beò ann an làithean dùbhlanach, ged a tha nàdar an dùbhlain air atharrachadh. Faodaidh sinn feuchainn ri bhith tuigsinn na mìosan a dh’fhalbh le bhith a’ meòrachadh air an stàid sa bheil sinn an-dràsta. Tha cothrom againn, cuideachd, a bhith cnuasachadh air an àm ri teachd.
Anns an Litir do na Ròmanaich (6: 1 – 11), tha an t-Abstol Pòl a’ beachdachadh air clach-bhunn na beatha Crìosdaidh, eadhon bàs agus aiseirigh an Tighearna Ìosa Chrìosd. Air sgàth sin, tha ar beatha air a dealbhadh uile gu lèir le Crìosd, ann a bhith a’ fantainn ann-san a-mhàin. Fhad ’s a tha sinn a’ tighinn, beag air bheag, a-mach às a’ ghlasadh-sluagh, tha sinn làn chinnt gu bheil an Crìosd Beò a’ dol romhainn air an t-slighe.
Dèanamaid ùrnaigh:
A Dhè Dhìleis, tha sinn a’ toirt taing dhut,
oir tha thu maille rinn an-diugh,
agus tha sinn a’ guidhe ort, a Chrìosd Bheò,
gum bi thu maille rinn a-ghnàth.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè a dhùisgeas ar creideamh,
tha sinn taingeil dhut oir tha thu air a bhith maille rinn,
tro làithean trioblaideach agus mì-chinnteach.
Cùm nar cuimhne do ghràs dhuinn anns na làithean a dh’fhalbh.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè Dhìleis, tha sinn taingeil dhut,
oir bidh thu maille rinn fhathast
anns na làitheana tha ri teachd.
Siùbhail maille rinn anns na làithean a tha romhainn.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè a dhùisgeas ar creideamh,
tha sinn taingeil dhut airson beatha do Mhic,
a thug air fhèin nàdar na daonnachd.
Deònaich gum bi a bheatha-san a’ dealbhadh ar beathannan anns an latha a th’ ann.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè Dhìleis, tha sinn taingeil dhut
airson an t-ath-mhisneachaidh a tha tha sinn a’ lorg
nad thròcair, nad ghràs agus do ghràdh ro-phailt.
Nad thruas, cuimhnich oirnn agus air luchd ar gràidh.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.
A Dhè a dhùisgeas ar creideamh,
tha sinn taingeil dhut
airson an eòlais gum bi thu maille rinn,
anns gach càs a tha romhainn.
Tha sinn ag ùrnaigh gun tèid thu romhainn agus gun dìon thu sinn.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.
Soidhnichte:
Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba
An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba
Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann
An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba
An t-Urramach Daibhidh Pickering, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba)
An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba
An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba)
An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba
Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte
Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean)
An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich
Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia
Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS)
An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)