Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 14mh dhen Ògmhios, ùrnaigh aig 7f

Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 14mh dhen Ògmhios, ùrnaigh aig 7f

Tha iomadh duine an-diugh a tha a’ faireachdainn eu-treun agus gun chomas.  Bidh sinn uile a’ faireachdainn aig ammanan nach eil smachd againn air ar beathannan fhèin.  Gu dearbh fhèin, is beag am fios a tha againn aig amannan gu bheil do làmh a’ treòrachadh an t-saoghail idir.

Tha an t-Abstol Pòl a’ cur an cèill na fìrinne gu bheil Dia ag obair tro Ìosa Crìosd air ar son agus a-chum ar saoradh, nuair nach robh e an comas dhuinn a bhith ag obair gu h-eifeachdach air ar son fhèin, agus sinn gun chumhachd, gun spionnadh.

Tha Dia a’ foillseachadh a ghràdh dhuinn ann gnìomharan Ìosa Chrìosd (Ròmanaich 5: 1- 8).   On a tha fhios againn gu bheil sinn gun chumhachd bhon neart againn fhèin, ach làn chumhachd bho neart agus gràdh Spiorad Dhè nar cridheachan, dèanamaid ùrnaigh.

A Dhè Bheò, tha thu a’ foillseachadh do ghràdh dhuinn,
tro ar Tighearna Ìosa Crìosd.
Nuair a tha sinn gun chumhachd,
nuair a tha sinn fann, seas ri ar taobh.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè Bheò, tha thu a’ foillseachadh do ghràdh dhan t-saoghal,
tro fhèin-ìobairt ar Tighearna Ìosa Crìosd.
Tha sinn a’ cuimhneachadh nan uile anns an t-saoghal againn a tha gun chumhachd,
agus tha sinn nar seasamh rin taobh, agus iad fann.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè Bheò, nuair a tha sinn a’ seasamh ri taobh daoine eile,
deònaich gun tuig sinn nas fheàrr a’ bheatha a tha againn sa chumantas.
Agus deònaich gum bi sinn, leis an tuigse sin, a’ gabhail ri do thìodhlac dhuinn, beatha na lànachd.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè Bheo, is e do Spiorad Naomh
Tighearna agus Tabhartair na Beatha.
Dòirt a-nuas oirnn do ghràdh,
gus am bi ar beathannan air an ath-nuadhachadh.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè Bheò, Athair, Mac agus Spiorad Naomh;
Cruitheadair, Fear-Saoraidh agus Fear-Dìon,
Gabh rinn, agus ri do chruthachadh gu lèir,
anns a’ ghràdh a tha thu a’ foillseachadh dhuinn tro ar Tighearna Ìosda Crìosd.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

%d bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close