Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 7mh dhen Ògmhios (Sàbaid na Trianaide), ùrnaigh aig 7f

Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 7mh dhen Ògmhios (Sàbaid na Trianaide), ùrnaigh aig 7f

Is aithne dhuinn uile na faclan anns na Sgriobtairean a dh’innis dhuinn gu bheil sinn a’ faicinn gu dorcha tro ghlainne, agus abair gu bheil sin fìor anns an latha a th’ ann.   Ged a tha sinn a-nis air an t-slighe às an glasadh-sluaigh, agus ged a tha sinn an dòchas gum bi rudan a’ fàs nas soilleire anns na làithean agus na seachdainean ri teachd, tha iomadh rud ann air nach eil sinn ach leth-eòlach.  A dh’aindeoin sin, tha rudan ann a tha soilleir, agus air an dearbhadh tro ar creideamh.  Ann an Soisgeul Mhata (28: 16 – 20), thàinig na deisciobail cruinn còmhla ann an làthaireachd an Tighearna Bheò, a thuirt riutha, Tha mise còmhla ribh an-còmhnaidh, gu deireadh na linne.  Tha an t-Soisgeul a’ dearbhadh dhuinn gu bheil beatha Dhè air a roinneadh dhuinn ann am foillseachadh an Athar, a’ Mhic agus an Spioraid Naoimh, agus gu bheil sinn beò ann an làthaireachd bhuanach Dhè.  Le fios gu bheil sin fìor, dèanamaid ùrnaigh:

A Dhè a’ ghliocais agus a’ ghràidh,
Tha thu gad fhoillseachadh fhèin dhuinn,
mar Athair air Tighearna Ìosa Chrìosd.
Cùm sinn beò le eòlas do ghràidh anns an latha a th’ ann.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè a’ ghraidh bhuanaich,
Deònaich gun cluinn sinn faclan do Mhic
mar mhac-talla tro na linntean:
Tha mise còmhla ribh an-còmhnaidh,
gu deireadh na linne.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè a’ ghràidh fhialaidh,
a thug dhuinn do Spiorad Naomh,
Spiorad na beatha fhèin.
Ath-nuadhaich ar beathannan agus beatha ar coimhearsnachd.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè a’ ghràidh earbsaich,
Tha thu eòlach oirnn, oir rinn thu sinn.
Nad thruas, bi maille riuthasan uile a tha a’ fulang no a’ caoineadh aig an àm seo.
Cuimhnich iad, agus glèidh iad gu sàbhailte.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè a’ ghràidh shìorraidh,
Thoir lùths dhaibhsan a tha sgìth, agus neart dhaibhsan a tha fann,
gus am biodh spionnadh nuadh againn, agus gun èirigh sinn suas mar iolair air a sgiathan.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Dhè a’ ghraidh chumhachdaich,
Dèonaich gun gràdhaich sinn thu ann an cridhe, anam agus inntinn.
Deònaich gun gràdhaich sinn ar coimhearsnach mar sinn fhèin, mar a ghràdhaich thu sinn an toiseach.
Deònaich gum biodh do ghràidh air fhoillseachadh nar seirbheis do chàch.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

Soidhnichte:

Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba
An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba
Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann
An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba
An t-Urramach Daibhidh Pickering, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte  (Alba)
An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba
An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba)
An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba
Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte
Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean)
An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich
Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia
Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS)
An t-Urramach Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)

%d bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close