Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 31mh dhen Chèitean, ùrnaigh aig 7f

Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 31mh dhen Chèitean, ùrnaigh aig 7f

“Ged a tha sinn a-nis a’ tòiseachadh air an t-slighe às an glasadh-sluagh, tha sinn fhathast mothachail gu bheil astar fada fhathast romhainn, agus nach eil e soilleir dhuinn idir dè bhios aig ceann an rathaid seo.

“A dh’aindeoin sin, tha sinn a’ dol air adhart ann an creideamh, a’ creidsinn gu bheil Dia daonnan a’ dol romhainn, agus gum b’ aithne dhasan ceann an t-slighe bhon toiseach.

“An-diugh, air Sàbaid na Caingis, tha sinn a’ toirt taing dhan Tighearna airson tìodhlac an Spioraid Naoimh, a’ creidsinn gur ann tron Spiorad a threòrachas Dia sinn.”

Dèanamaid ùrnaigh:

A Dhè uile-chumhachdaich, is ann tro do Spiorad a chruthaich thu òrdugh à eu-cruth.
Nuair a bha an talamh gun dealbh agus falamh, agus dorchadas air aghaidh na doimhne,
bha do Spiorad a’ gluasad air aghaidh nan uisgeachan.
Labhair thu, agus bha an cruthaidheachd ann far nach robh nì sam bith roimhe.
Tha sinn ag ùrnaigh gun cruthaich agus gun ath-chruthaich thu annainn agus tromhainn mar an ceudna.

A Dhè uile-chumhachdaidh, is ann tro do Spiorad
a theagasg agus a threòraich thu ar sinnsearan gus eòlas a chuir ortsa,
gus an robh e an comas dhaibh d’ adhradh agus do ghlòrachadh.
Tha sinn ag ùrnaigh gun teagasg agus gun treòraich thu sinn mar an ceudna.

Agus, Dhè uile-chumhachdaich, mar a gheall na fàidhean,
dhòirt thu do Spiorad a-nuas air na creidmhich –
air fir is mnathan, seann is òg, agus bha beatha ùr air a toirt dhaibh,
mar chnàmhan tioram air an toirt gu beatha a-rithist.
Tha sinn ag ùrnaigh gun dòirt thu oirnn do Spiorad mar an ceudna.

A Dhè uile-chumhachdaich, anns na làithean doirbh agus mì-chinnteach seo,
cuir thugainn an Cofhurtair, gus am bi fìos againn gu bheil thu faisg oirnn.
Deònaich dhuinn slànachadh agus am fois nach fhaighear ach annadsa a-mhàin.

A Dhè uile-chumhachdaich dhùisg thu d’Eaglais gu beatha gu h-obann
le toirm o nèamh mar shèideadh gaoithe ro-thrèin agus le teangaidhean sgoilte, mar de theine.
Thig dod Eaglais a-rithist, tha sinn a’ guidhe ort,
gus am gum bi sinn air ar n-ath-nuadhachadh,
air ar n-ath-dhèanamh
agus air ar n-ath-bheòthachadh tron Spiorad ceudna sin.

O a Thighearna, tha sinn ag ùrnaigh gum foillsich thu dhuinn a-rithist do Spiorad.

Na rudan seo uile tha sinn ag ùrnaigh nad ainm agus air do sgàth,
Ìosa Chrìosd ar Tighearna agus ar Slànaighear.

Soidhnichte:
Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba
An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba
Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann
An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba
An t-Urramach Daibhidh Pickering, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte  (Alba)
An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba
An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba)
An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba
Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte
Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean)
An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich
Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia
Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS)
Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)

%d bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close