Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 24mh dhen Chèitean, ùrnaigh aig 7f
Aig an àm seo tha sinn glè mhothachail air cho feumach ’s a tha sinn air dìonadh, agus a bhith a’ dìonadh a chèile. Ma dh’fhaoidte nach robh sinn a-riamh cho mothachail air sin ’s a tha sinn a-nis, agus sinn a’ feuchainn ri ar coimhearsnaich agus luchd ar gràidh a dhìonadh bho na cunnartan a tha a’ tighinn oirnn uile an cois Covid-19.
Ann an Soisgeul Eòin (17: 1 – 11), rinn Ìosa ùrnaigh airson a dheisciobail, oir bha fhios aige gun robh làithean a’ teannachadh orra, làithean anns nach robh e fhèin dol a bhith còmhla riutha gu fiosaigeach. Dè a dh’iarr e san ùrnaigh sin? Dh’iarr e gum bi an t-Athair a’ dìonadh a charaidean. Fhad ’s a bha e còmhla riutha, dhìon Ìosa na deisciobail, agus nas fhaide san ùrnaigh aige, tha e ag ùrnaigh airson gach neach againn. Tha an Tighearna Ìosa, agus esan air èirigh, fhathast ag ùrnaigh air ar son, agus a’ toirt barantais dhuinn gum bi a làithearachd air ath-nuadhachadh tro thìodhlac an Spioraid Naoimh.
Dèanamaid ùrnaigh:
A Dhè Bheò agus Athair thròcairich,
dìon sinn agus glèidh sinn.
A Dhè Bheò, dìon agus glèidh
luchd ar gràidh,
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
A Dhè Bheò, tha do Mhac a-nis na shuidhe nad làthair,
a’ gabhail pàirt nad ghlòir agus nad chliù.
Tha sinn taingeil dhut airson a gheallaidh
gum bi a làithearachd air ath-nuadhachadh dhuinn,
tro thìodhlac an Spioraid Naoimh.
A Dhè Bheò, tha sinn taingeil dhut gun do rinn Ìosa ùrnaigh air ar son,
agus gu bheil e fhathast ag eadar-ghuidhe air ar son.
Tha sinn taingeil dhut gu bheil e fhathast ag ùrnaigh air ar son,
agus airson ar dìonadh,
Tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
A Dhè Bheò, tha sinn ag ùrnaigh airson beatha an t-saoghail.
Tha sinn taingeil dhut airson a h-uile neach a bhios, anns na làithean seo,
ag obair gu cruaidh gus ar dìon.
Thoir dhaibh spionnadh ùraichte ann an cridhe, spiorad, inntinn agus neart,
tro thìodhlac an Spioraid Naoimh.
A Dhè Bheò, tha sinn ag ùrnaigh gun ath-nuadhaich thu sinn, agus gun ath-nuadhaich thu beatha an t-saoghail.
Oir is ann mar sin a ghràdhaich thu an saoghal, gun tug thu do Mhac,
gus am bi sinn a’ gabhail pàirt ann am beatha an t-saoghail a tha ri teachd.
Èist ri ar n-ùrnaigh, a-nis agus gu bràth,
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Amen.
Soidhnichte:
Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba
An Ceart Urramach Màrtainn Fair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba
Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann
An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba
An t-Urramach Daibhidh Pickering, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba)
An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba
An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba)
An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba
Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte
Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean)
An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich
Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia
Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam mìon-shluagh còmhla ann an Alba (MECTIS)
Fred Drummond, Stiùiriche, Caidreachas Soisgeulach (Alba)