Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 17mh dhen Chèitean, ùrnaigh aig 7f

Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 17mh dhen Chèitean, ùrnaigh aig 7f

Anns na làithean as dèidh Latha na Càisge, bhiodh faireachdainnean diofraichte air deisciobail Ìosa, eadar teagamh agus iomagan, eadar aoibhneas agus subhachas, eadar mì-thuigse agus eagal, eadar aithneachadh agus dòchas.  Nan robh an crann-ceusaidh air làithearachd Ìosa a ghoid bhuapa, bha Aiseirigh a’ toirt a làithearachd dhaibh a-rithist.  Nach robh Ìosa dol a bhith maille riutha a-ghnàth, gu deireadh an t-saoghail?

Ann an Soisgeul Eòin (14: 1 – 21), chì sinn na deisciobail a’ strì leis an tuigse nach bi Ìosa daonnan nan làthair gu fiosagach.  A-rèir coltais, bha iad dol a bhith nan aonar, nan dìlleachdain, mar gum biodh.  Bha mì-chinnt agus iomagan a’ tighinn orra a-rithist.  Mar sin, bhruidhinn Ìosa gus am mì-thuigse agus an t-eagal a fhreagairt, ann a bhith a’ gealltainn dhaibh tìodhlac an Spioraid Naoimh.  Bha Ìosa gam brosnachadh, a’ dearbhadh dhaibh nach robh iad nan aonar agus gum bi a làithearachd spioradail air a nuadhachadh anns an t-saoghal tron Spiorad.

Tron Spiorad, bidh Ìosa daonnan maille rinn mar dhearbhadh gràdh Dhè dhuinn.

Dèanamaid ùrnaigh:

A Dhè Bheò, chruthaich thu sinn agus rinn thu sinn,
thu a’ toirt dhuinn, mar thìodhlac, anail na beatha fhèin.
Tha sinn a’ toirt taing dhut airson tìodhlac na beatha,
tìodhlac a tha prìseil agus luachmhor dhuinn.

A Dhè Bheò, is tusa Athair ar Tighearna Ìosa Chrìosd,
agus tha a làithearachd anns an t-saoghal a’ foillseachadh dhuinn do ghràdh.
Le bhith a’ toirt dhuinn do Mhic,
tha thu a’ foillseachadh dhuinn doimhneachd do ghràidh.

A Dhe Bheò, ghabh do Mhac ris a’ Chrann-cheusaidh,
agus ri doimhneachd fulangais dhaonna.
Tha sinn taingeil dhut gun do thog thu a-rithist e
air latha an aiseirigh. 

A Dhè Bheò, mar a labhair thu ris na caillte agus na dìlleachdain anns na làithean a dh’fhalbh,
labhair ris na caillte agus na dìlleachdain anns an latha a th’ ann.
Labhair riuthasan a tha teagmhach agus iomaganach.
Labhair rinn, a tha fo mhì-thuigse agus eagal.

A Dhè Bheo, is e do ghealladh
nach bi sinn air ar fàgail nar n-aonar san t-saoghal.
Tha sinn taingeil dhut airson coileanadh a’ gheallaidh sin
le tìodhlac do Spioraid.

A Dhè Bheò, bi maille riuthasan uile a tha a’ cumail suas ar beatha choitcheann aig an àm seo,
luchd-curaim agus nursaichean, luchd-glanaidh agus portairean,
dotairean agus luchd nan carbadan èiginne, dràibhearan-lìbhrigidh agus postaichean.
Tro an cuid oidhirpean, tha ar beatha choitcheann air a cumail suas.

A Dhè Bheò, mar a tha thu air a bhith gar glèidheadh anns na làithean a dh’fhalbh,
glèidh sinn anns an latha a th’ ann.
Agus tha sinn a’ togail taing dhut a-rithist nach eil sinn nar n-aonar, oir tha Crìosd agus do Spiorad Naomh maille rinn.

Amen.

Soidhnichte:
Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba
An Ceart Urramach Cailean Mac na Ceardaich, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba
Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann
An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba
An t-Urramach Daibhidh Pickering, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte  (Alba)
An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba
An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba)
An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba
Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte
Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean)
An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich
Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia
Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam Mìon-shlu

 

%d bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close