Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 10mh dhen Chèitean, ùrnaigh aig 7f
“Nuair a thòisich an glasadh-sluagh ann an Alba sa Mhàirt, thàinig ar dòigh-bheatha àbhaisteach gu stad gu h-obann. Chaidh stad a chuir air siùbhal gu ìre nach fhaca gin againn nar beatha. Dh’atharraich ar dòigh-bheatha cuideachd. Bha cuid de dhaoine air an cur ann an suidheachaidhean cearbail, brònach; le cuid tinn agus san ospadal, cuid fo iomagain mu luchd an gràidh, agus air an dealachadh bhuapa. Chuir cuid eile iad fhèin ann an cunnart, cuid ann an ospadalan agus dachaighean-curaim, agus cuid eile nan luchd-obrach riatanach ann an roinntean eile a tha deatamach airson beatha na dùthcha. Agus bha cuid eile air am fàgail ann suidheachaidhean pearsanta a bha doirbh: acras, teanntachdan anns an dàimhnean – no nas miosa na sin – agus cha mhòr ann am priobadh na sùla, bha againn uile ri dòigh-bheatha ùr a lorg.
“Tha an earrann dhen t-soisgeil againn an-diugh, Soisgeul Eòin 14, ag innse dhuinn mu àm ciùrrach ann am beatha nan deisciobal, agus ann am beatha Ìosa fhèin. Aig ceann trì bliadhna anns an robh iad a’ siubhal air feadh Ghalile, ràinig iad Ierusalem, le cunnart agus bagairt a’ teannachadh orra. A’ cruinneachadh air cùl dòrais dùinte, ann an uair na h-àmhghair fhèin, thug Ìosa cofhurtachd agus treòrachadh dha luchd-leanntainn agus da chairdean, ag innse dhaibh mun àite a bha e dol a dh’uallachadh dhaibh ann an taigh Dhè. Chuir Tòmas air a’ chèist a tha ann iomadh cridhe a-diugh: ‘A Thighearna, chan eil fhios againn càit a bheil thu a’ dol; agus cionnas a dh’fhaodas eòlas na slighe a bhith againn?’ Agus thubhairt Ìosa ris: ‘Is mise an t-slighe, an fhìrinn agus a’ bheatha.’
“An-diugh, tha sinn ag ùrnaigh gum faigh sinn eòlas air treòrachadh agus làithearachd Chrìosd. Dèanamaid ùrnaigh.”
Thig, Ìosa Crìosd, thig dham ionnsaigh;
seall dhomh do shlighe, anns na làithean troimh-a-chèile seo,
agus fosgail mo shuilean-sa, gus an aithnich mi do làithearachd.
Thig, Ìosa Crìosd, thig dham ionnsaigh;
teagaisg dhomh d’ fhìrinn, anns na làithean breathalach seo,
agus fosgail m’ inntinn, gus an aithnich mi d’ Fhacal beò.
Thig, Ìosa Crìosd, thig dham ionnsaigh;
foillsich dhomh do bheatha, anns na làithean aimlisgeach seo,
agus fosgail mo chridhe, gus an aithnich mi lànachd do bhith.
Soidhnichte:
Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba
An Ceart Urramach Cailean Mac na Ceardaich, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba
Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann
An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba
An t-Urramach Daibhidh Pickering, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba)
An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba
An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba)
An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba
Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte
Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean)
An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich
Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia
Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam Mìon-shluagh ri chèile ann an Alba (MECTIS)