Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, an 3mh dhen Chèitean, ùrnaigh aig 7f

Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, an 3mh dhen Chèitean, ùrnaigh aig 7f

Anns na làithean dùbhlanach seo, a bheil tì sam bith a’ coimhead oirnn, agus a’ tuigsinn ann an da-rìreadh na tha sinn a’ faireachdainn aig an àm seo?

Tha dealbh againn aig cridhe nan Sgriobtar dhen Tighearna, ar Buachaille, agus Ìosa Crìosd, am Buachaille Math.  Tha sinn a’ faireachdainn brìgh iongantach nam facal aig Daibhidh – faclan aosmhor, ach fhathast beò nar cridhe – Is e Dia fhèin as buachaill dhomh… Sheadh, fòs ged ghluaisinn eadhon trìd ghlinn dorcha sgàil’ a bhàis… leanaidh math is tròcair rium. (Salm 23).  Tha an aon dealbh againn ann an Soisgeul Eòin, agus am Buachaill Math gar glèidheadh agus gar gairm le ar ainmean fhèin.  Bidh e a’ dèanamh na nìthean seo oir is aithne dha sinn, agus is aithne dha an èiginn anns a bheil sinn.  Thuirt Ìosa, Is mise am buachaille math (Eòin 10).

Dèanamaid ùrnaigh:

A Bhuachaille Mhaith, glèidh sinn an-diugh,
anns gach nì a tha romhainn.
Na fàg agus na trèig sinn,
ach bidh maille rinn an-còmhnaidh.
A Thighearna, na do thròcair,
eìst ri ar n-ùrnaigh.

A Bhuachaille Mhaith, tha thusa nas eòlaiche oirnn,
na neach sam bith eile.
Dìon sinn agus glèidh sinn,
Agus dìon agus glèidh luchd-ar-gràidh.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Bhuachaille Mhaith, tha sinn ag ùrnaigh air an son-san a tha tinn agus aonaranach,
air an son-san a tha iomaganach no a’ caoineadh,
air an son-san a tha fo fhulangas thar ar tuigse.
Tha sinn nar seasamh rin taobh, agus ag iarraidh do chobhair orra.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Bhuachaille Mhaith, tha sinn ag ùrnaigh airson luchd-obrach ann an ospadalan agus taighean-curaim,
agus air an son-san uile a tha frithealadh feumalachdan chàich.
Deònaich gum biodh eisimpleir an co-fhaireachadh
gar brosnachadh gus curaim a thoirt do ar coimhearsnaich.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Bhuachaille Mhaith, is aithne dhut ar cridheachan gu builleach,
agus is aithne dhut an t-eagal a tha oirnn.
Labhair nar cridheachan
agus cur às ar n-eagail.
A Thighearna na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

A Thighearna, is aithne dhut cò sinn,
chan eil ar fèin-aithne falaichte bhuat.
Cruinnich sinn thugad fhèin, mar a tha Buachaille a’ cruinneachadh a chaoraich,
gus an aithne sinn d’Ainm-sa.
A Thighearna, na do thròcair,
èist ri ar n-ùrnaigh.

Soidhnichte:
Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba
An Ceart Urramach Cailean Mac na Ceardaich, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba
Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann
An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba
An t-Urramach Daibhidh Pickering, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte  (Alba)
An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba
An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba)
An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba
Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte
Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean)
An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich
Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia
Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam Mìon-shluagh ri chèile ann an Alba (MECTIS)ùù

%d bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close