Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 19mh dhen Ghiblean, ùrnaigh aig 7f
Anns na làithean seo agus sinn fhathast glaiste a-staigh, tha sinn a’ cuimhneachadh gun robh na deisciobail, fiù ’s air latha an aiseirigh fhèin, glaiste a-staigh leis na dorsan dùinte (Soisgeul Eòin 20: 19 – 23).
Ach nuair a bha iad glaiste a-staigh, nochd Ìosa nan làthair, thàinig e a-steach agus sheas e nam measg. Nuair a bha iadsan fo eagal agus fo imcheist, thuirt e riutha: Sìth dhuibh. Tha sinn a’ cluinntin nam facal sin, le fhios againn gu bheil e a’ bruidhinn rinne cuideachd. Bidh sinn ag èisteachd riutha a-rithist, agus a’ tuigsinn gu bheil Ìosa fhathast ag ràdh: Sìth dhuibh. Èisteamaid ris na faclan sin, faclan na sìthe a labhair e ris nan uile a tha feumach air faclan slànachaidh misneachaidh: Sìth dhuibh.
Dèanamaid ùrnaigh:
A Dhè bheò, labhair rinn anns an teanntachd anns a bheil sinn, labhair rinn leis am facal a tha a’ toirt ciùnas an àite eagail, agus fèath an àite iomgain: ‘Sìth dhuibh’.
Labhair d’ fhacal dhaibhsan a tha aonaranach agus brònach, dhaibhsan a tha air an luchd-gràidh a chaill, dhaibhsan a tha air a h-uile nì a chaill: ‘Sìth dhuibh’.
A Dhè dhìleis, labhair rinne nuair a tha ar dorsan dùinte. Tha sinn a’ cuimhneachadh iadsan a tha gan cur fhèin ann an cunnart gus frithealadh a thoirt do dhaoine eile: Sìth dhaibh. Sìth dhaibh uile: luchd-cùraim agus nursaichean, dotairean agus dràibhearan nan carbadan-èiginn, dràibhearan lìbhrigidh agus luchd-obrach nam bùth.
A Dhè an Dòchais, labhair rinn anns an latha a th’ ann, agus labhair rinn mun àm a tha ri teachd. Oir ged a tha na na dorsan dùinte, aig ceann thall bidh iad air am fosgladh a-rìthist. Gum biodh sìth ann às ùr. Tha sinn ag ùrnaigh air an son uile aig a bheil ùghdarras, airson na Banrìghinn, airson a’ phrìomhaire agus airson a’ phrìomh mhinisteir. Agus tha sinn ag ùrnaigh air ar son uile: Gum biodh sìth ann às ùr.
A Dhè a’ ghràidh, a thug gràdh dhuinn, fosgail ar cridheachan, gus am bi sinn a’ faighinn eòlais ort, agus a bhith gad ghràdhachadh, gus am bi sinn gad gràdhachadh agus a’ gràdhachadh ar comharsnaich, agus gus am bi sinn a’ cluinntin nam facal a-rithist: ‘Sìth dhuibh’.
Nuair a tha sinn a’ faicinn cho beag ’s a tha an neart againn fhèin, gum bitheamaid a’ lorg neart às ùr annadsa, agus gum bitheamaid a’ cluinntinn a-rithist: ‘Sìth dhuibh’.
Soidhnichte:
Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba An Ceart Urramach Cailean Mac na Ceardaich, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba An t-Urramach Daibhidh Pickering, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte (Alba)
An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba) An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean) An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam Mìon-shluagh ri chèile ann an Alba (MECTIS)