Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 8mh dhen Ghiblean, ùrnaigh aig 7f (Didòmhnaich Tùrnais)

Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid, 8mh dhen Ghiblean, ùrnaigh aig 7f (Didòmhnaich Tùrnais)

“Ann an uair na h-àmhghair seo, tha sinn a’ faireachdainn gairm ùr gu ùrnaigh.  Chan eil sinn idir nar n-aonar ann a bhith a’ cluinntinn na gairme seo, ach tha daoine a cluinntinn agus a’ freagairt seo air feadh na dùthcha, agus eadhan air feadh an t-saoghail.  Mar sin, tha sinn gur cuireadh gu ùrnaigh ann an co-chomann ri chèile aig 7f air Latha na Sàbaid, 8mh dhen Ghiblean, Didòmhnaich Tùrnais. ’S e seo ar n-ùrnaigh aig an àm seo.”

A Dhè bheò, tha sinn taingeil dhut airson tìodhlac luachmhor na beatha a thug thu dhuinn.
Tha sinn taingeil dhut airson làithearachd mhaireannach do ghràidh anns an t-saoghal seo.
Tha sinn taingeil dhut airson an eòlas a tha againn gu bheil thu maille rinn aig beul na h-oidhche.

Air an latha seo, agus sinn a’ cluinntinn faclan an t-Soisgeil a’ labhairt rinn le dòchas an cois.
Tha sinn a’ cluinntinn a’ ghairm: Hosanna!
Tha sinn a’ cluinntinn faclan an t-Soisgeul a’ labhairt rinn le gealladh an cois,
Tha sinn a’ cluinntinn a’ ghairm: Beannaichte gun robh an Tì a thig ann an ainm an Tighearna!
Air an latha seo tha sinn a’ siubhal ann an dòchas agus a’ cur ar n-earbsa na do ghealladh.

A Thighearna, aig toiseach na Seachdaine Naoimh a tha romhainn, tha sinn mothachail gu bheil sinn mar phàirt de bheatha an t-saoghail.
Tha sinn a’ faireachdainn làithearachd na feadhainn a tha faisg oirnn, agus na feadhainn a tha dealaichte bhuainn.
Doirt a-nuas do ghràdh oirnn uile, iadsan a tha faisg oirnn, agus iadsan a tha fada bhuainn.

A Thighearna, tha sinn a’ smaoineachadh orrasan uile a tha ri saothair ann an obair a tha cudromach dhan choimhearsachd air fad,
agus air a bheil sinn eisimeileach.
Tha sinn ag ùrnaigh air an son uile:

airson dràibhearan-lìbhrigidh agus luchd-puist,
airson luchd-sgudail agus luchd-glanaidh,
airson luchd-poilis agus luchd-cùraim,
Dìon iad uile, agus cùm iad sàbhailte.

Tha sinn ag ùrnaigh airson nursaichean agus dotairean,
airson luchd-saidheans agus lannsairean,
airson mnathan-glùine agus dràibhearan nan carbadan-èiginn.
Dìon iad uile, agus coimhead orra-san.

Tha sinn ag ag ùrnaigh air an son aig a bheil ùghdarras,
air an son a tha a’ dèanamh co-dhùnaidhean a tha bhualas oirnn uile agus air ar beathannan gu lèir.
Dìon iad, agus meudaich an cuid gliocais agus tuigse.

A Thighearna, na do thròcair, èist ri ar n-ùrnaigh. Tabhair dhuinn creideamh airson na seachdainne a tha romhainn, ann an làthaireachd an Tighearna Ìosa Chrìosd, a chaidh a cheusadh agus a dh’èirich a-rìthist.
Amen.

Soidhnichte:

Am Fìor Urramach Marcus Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba
An Ceart Urramach Cailean Mac na Ceardaich, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba
Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann
An t-Urramach Iain Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba
An t-Urramach Daibhidh Pickering, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte  (Alba)
An t-Urramach Màrtainn Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba
An t-Urramach Marcus Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba)
An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba
Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte
Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean)
An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich
Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia
Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam Mìon-shluagh ri chèile ann an Alba (MECTIS)
Un t-Urramach Dòmhnall G. MacDhòmhnaill, Moderàtor, Eaglais Shaor na h-Alba

%d bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close