Gairm gu ùrnaigh: Latha na Sàbaid 29mh dhen Mhàrt, ùrnaigh aig 7f

Fhuair mi an gairm seo an dè:

‘As dèidh na freagairte bhrosnachail a fhuair Gairm gu Latha Nàiseanta Ùrnaigh air Latha na Sàbaid seo chaidh, tha sinn gur gairm gu ùrnaigh a-rìthist aig 7f air Latha na Sàbaid 29mh dhen Mhàrt, agus air gach Latha na Sàbaid anns na seachdainnean a tha romhainn.’

Tha sinn ag ùrnaigh ann an dlùth-phàirteachas leis nan uile ann am Breatain agus Èirinn agus air feadh an t-saoghail a tha a’ strì ris na dùbhlanan a tha a’ tighinn leis an COVID-19.  ’S e seo ar n-ùrnaigh aig an àm seo:

Tha sinn a’ tighinn thugad, ar n-Athair, oir tha sinn feumach air do chobhair.
Mar a gheall thu, a Thighearna Ìosa, bi maille rinn, ge b’e dè  a tha romhainn.
Neartaich sinn, a Spioraid Naoimh, agus sinn uile ag obair an làimh a chèile ann an uair na h-àmhghair. 

Tha sinn ag ùrnaigh airson ar saoghail agus airson ar dùthcha,
anns na laithean seo far a bheil an coronabhìoras a’ bagairt air ar beathanan agus air ar beòshlainte, le mòran a’ fuireach san taigh,
agus luchd-obrach riatanach a’ cumail a’ dol, a dh’aindeoin a’ chunnairt.

Tha sinn ag ùrnaigh airson nan riaghaltasan ann an Westminster agus Taigh an Ròid,
agus iadsan ag èisteachd ri comhairle mheadaigeach agus shaidheansail,
a’ feuchainn ri co-dhùnaidhean doirbh a dhèanamh gus ar dìon uile.

Tha sinn ag ùrnaigh airson nan uile a tha ag obair anns an NHS agus ann an cùram sòisealta,
leis na h-aireamhan a tha a’ fulang a’ sìor mheudachadh, agus goireasan cho gann.

Beannaich nan uile a tha tinn, nan uile tha aonranach, nan uile a tha fo eagal.
Beannaich nan uile a tha claoidhte on a bhith a’ toirt an aire dhan teaghlach.
Beannaich na tha fo iomagain airson na tha so-leònta, na tha fo eagal air sgàth an cuid ionmhais, nan uile a tha glacte ann an eagal.  

Tha sinn a’ toirt taing dhut airson nan uile a tha a’ tighinn air ais o chluaineas airson cuideachadh no a tha an sàs gu saor-thoileach.
Tha sinn a’ toirt taing dhut airson nan uile a tha ag obair gus na goireasan riatanach a dhèanamh,
gus a’ bhanadach a lorg,
gus cumail an conaltradh leis na tha iomallach,
gus brosnachadh a thoirt do dhaoine eile aig an àm seo.

Dèan tròcair oirnn, a Thighearna.
Tabhair dhuinn creideamh, dòchas agus gràdh, agus cluinn ar n-ùrnaighean.

Na rudan seo uile tha sinn ag ùrnaigh nad ainm agus air do sgàth.  Amen.

Soidhnichte:

Am Fìor Urramach Mark Strange, Primus as leth Colaiste nan Easbaigean, Eaglais Easbaigeach na h-Alba
An Ceart Urramach Colin Sinclair, Moderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba
Am Fìor Urramach Leo Cushley, Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn agus Dùn Èideann
An t-Urramach John Fulton, Moderàtor, Eaglais Shaor Aonaichte na h-Alba
An t-Urramach David Pickering, Moderàtor, Eaglais Ath-Leasaichte Aonaichte  (Alba)
At-Urramach Martin Hodson, Àrd-Stiùiriche, Aonadh Baisteach na h-Alba
An t-Urramach Mark Slaney, Cathraiche Roinn-Dùthcha, Eaglais nam Methodach (Alba)
An t-Urramach May-Kane Logan, Cathraiche, Caidreachas Co-thionalach ann an Alba
Lt. Col. Carol Bailey, Rùnaire na h-Alba, Feachd na Slàinte
Adwao Bittle, Comann nan Caraidean (Cuagairean)
An t-Urramach Jim Ritchie, Àrd-Neach-Stiùiridh Roinn-Dùthcha, Eileanan Bhreatainn, Eaglais an Nàsaraich

Aoghaire Chris Gbenle, Aoghaire Roinn-Dùthcha, Mòr-Roinn na h-Alba, Eaglais Chrìosdal air Saoradh le Dia

Easbaig Francis Alao, Eaglais Dhè (Alba)/ Eaglaisean nam Mìon-shluagh ri chèile ann an Alba (MECTIS)’

%d bloggers like this:
search previous next tag category expand menu location phone mail time cart zoom edit close